A' cur an comas conaltradh Gàidhlig leis an Riaghaltas
07 An t-Iuchar 2010

Tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh mar a tha e an dùil cothroman air cleachdadh a' chànain ann an conaltradh còmhla ris fhèin a mheudachadh.

Dh'ainmich Fiona Hyslop, Ministear na Gàidhlig, foillseachadh Plana Gàidhlig an Riaghaltais fhèin rè turais gu Beinn na Fadhla agus Uibhist a Deas, far an do choinnich i ri luchd-stiùiridh Ceòlais, sgoil shamhraidh ceòl na Gàidhlig.

Chaidh am Plana còig-bliadhna ullachadh an dèidh iarrtas Bòrd na Gàidhlig - buidheann nàiseanta leasachadh na Gàidhlig - fo chumha Achd (Alba) na Gàidhlig 2005. Thathar a' lìbhrigeadh gach gnìomh an cois Plana Gàidhlig an Riaghaltais an lùib riarachadh stòrasan roinneil an àma seo fhèin.

Thuirt Fiona Hyslop:

"'S e àm èiginneach a th' ann ma tha a' Ghàidhlig gu bhith beò. Bidh ginealach ùr de luchd-labhairt riatanach ann a bhith a' daingneachadh maireannachd a' chànain. Tha Planaichean Gàidhlig ag amas air a' chànan a thoirt am barrachd follais ann am beatha làitheil a' phobaill, agus air an t-sluagh a mhisneachadh gus a h-ionnsachadh 's a bruidhinn.

"Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh chothroman air cleachdadh practaigeach na Gàidhlig. Mar eisimpleir, gheibh neach sam bith a sgrìobhas thugainn an-dràsta freagairt sa Ghàidhlig, agus tha sinn a' cur fàilte air foirmichean air an lìonadh innte. Meudaichidh sinn àireamh nan geàrr-sgrìobhainnean a th' air am foillseachadh sa Ghàidhlig. Gheibh luchd-obrach aig a bheil beagan Gàidhlig mu thràth cothrom air an sgilean a leasachadh agus bheirear cothroman do dhaoine eile air a' chànan ionnsachadh.

"An t-seachdain sa chaidh, b' i Alba Chruthachail - no Creative Scotland - a' chiad bhuidheann poblach riamh a fhuair ainmean de dh'inbhe cho-ionann an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.

"'S iad na ceumannan beaga seo a tha a' cur Gàidhlig am barrachd follais a' mhòr-shluaigh 's a tha deatamach a thaobh mairsinneachd a' chànain."

Chuir Art MacCarmaig, Cathraiche a' Bhùird, fàilte air Plana an Riaghaltais. Thuirt e: "Tha Bòrd na Gàidhlig a' tomhas a' Phlana seo mar ghnothach adhartach agus misneachail agus mar theisteanas air taic leantainneach dhan Ghàidhlig. Tha Riaghaltas a h-Alba a' comharrachadh gu bheil fìor luach ann a bhith a' cumail taic ris a' chànan agus a bhith ga leasachadh agus tha am Plana seo practaigeach, le buaidh air modhan-obrach an Riaghaltais fhèin agus buidhnean eile co-cheangailte ris, le teachdaireachd gu math làidir dhaibh uile gu bheil e an rùn an Riaghaltais gum bi a Ghàidhlig soirbheachail agus seasmhach san àm ri teachd. Th mi air mo mhisneachadh gun tig buidhnean eile gu bhith a' leantainn eisimpleir an Riaghaltais le Planaichean dhaibh fhèin, agus gum bi iad a' cur an taic ris a' chànan gu follaiseach.

"Ged a tha cùisean dùbhlannach gu h-eaconamach dhuinn uile, tha mi fhèin dhen bharail gu bheil cothroman ro shaoghal na Gàidhlig nach fhacas roimhe seo agus bidh e cudromach gun tog sinn air an impidh a th'air cùl barrachd inbhe agus cleachdadh a nochdadh dhan Ghàidhlig. Mhìnich am Bòrd ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig, a dh'fhoillsich sinn bho chionn ghoirid, mar a tha sinn a-nis ag amas gu cinnteach air cur ri àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig agus tha taic Riaghaltais na h-Alba nar rùintean is gnìomh riatanach, air leth feumail agus na mhisneachd dhuinn."

Cùl-fhiosrachadh

Le foillseachadh dreachd phlana, agus an dèidh co-chomhairle, tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air fhoillseachadh aig: http://www.scotland.gov.uk/Publications/2010/07/06161418/0

'S e Bòrd na Gàidhlig prìomh bhuidheann poblach a tha an urra ri brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig: http://www.gaidhlig.org.uk/. Fo Achd (Alba) na Gàidhlig, tha cumhachdan aig a' Bhòrd iarraidh air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh.

Tha Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) aig Bòrd na Gàidhlig luach #1.4 millean gus taic a chumail ri buidhnean ann a bhith a' coileanadh ghealltanasan am Planaichean. Cha bhi Riaghaltas na h-Alba a' cur a-steach airson roinn den mhaoin seo ge-tà.

Air 13mh den Ghiblean 2010, air iarrtas Mhinistearan, dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig Plana Gnìomha le rùn ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh: http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Ginealach%20Ur%20na%20Gaidhlig%20-%20B.pdf.

Gheibhear am fios naidheachd aig Riaghaltas na h-Alba a tha co-cheangailte ris an seo:

http://www.scotland.gov.uk/News/Releases/2010/04/13100001

Bidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba mar chùl-taic do Phlana Gnìomha a' Bhùird.

Rè a turais gu Beinn na Fadhla agus Uibhist a Deas, choinnich Fiona Hyslop ri luchd-stiùiridh Ceòlais agus fhritheil i aon de chuirmean-ciùil na sgoile samhraidh. Fhritheil a' Bh-uas Hyslop fosgladh an taisbeanaidh, Moving Stories, a chaidh a chumail le Oifigear-riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba ann am Museum nan Eilean.

A-màireach (8 Iuchar), bidh am Ministear a' coinneachadh ri Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard ùr Bòrd na Gàidhlig, ann an Steòrnabhagh. Bidh i a' tadhal air An Lanntair gus ionnsachadh mu an obair a thaobh meudachadh nan ealan Gàidhlig sna h-eileanan, agus a' coinneachadh ri Comhairle nan Eilean Siar.

Fios gu
Julie MacBeath : 07810 507016