Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air Plana Cànain an Riaghaltas
07 An t-Iuchar 2010

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ phlana cànain aig Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh an diugh (Diciadain 7mh den Iuchar) ann an Uibhist a Deas.

Chaidh am plana a chur ri chèile fo Achd na Gàidhlig. Tha na planaichean seo gu math cudromach ann a bhith ag àrdachadh inbhe agus cleachdadh Gàidhlig taobh a-staigh buidhnean poblach agus airson Bòrd na Gàidhlig a chuideachadh ann a bhith a’ cur an gnìomh a’ phlana Ginealach Ùr na Gàidhlig.

Chuir Art MacCarmaig, Cathraiche a’ Bhùird, fàilte air Plana an Riaghaltais. Thuirt e:
“ Tha Bòrd na Gàidhlig a’ tomhas a’ Phlana seo mar ghnothach adhartach agus misneachail agus mar theisteanas air taic leantainneach dhan Ghàidhlig. Tha Riaghaltas a h-Alba a’ comharrachadh gu bheil fìor luach ann a bhith a’ cumail taic ris a’ chànan agus a bhith ga leasachadh agus tha am Plana seo practaigeach, le buaidh air modhan-obrach an Riaghaltais fhèin agus buidhnean eile co-cheangailte ris, le teachdaireachd gu math làidir dhaibh uile gu bheil e an rùn an Riaghaltais gum bi a Ghàidhlig soirbheachail agus seasmhach san àm ri teachd. Th mi air mo mhisneachadh gun tig buidhnean eile gu bhith a’ leantainn eisimpleir an Riaghaltais le Planaichean dhaibh fhèin, agus gum bi iad a’ cur an taic ris a’ chànan gu follaiseach.”

“ Ged a tha cùisean dùbhlannach gu h-eaconamach dhuinn uile, tha mi fhèin dhen bharail gu bheil cothroman ro shaoghal na Gàidhlig nach fhacas roimhe seo agus bidh e cudromach gun tog sinn air an impidh a th’air cùl barrachd inbhe agus cleachdadh a nochdadh dhan Ghàidhlig. Mhìnich am Bòrd ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig, a dh’fhoillsich sinn bho chionn ghoirid, mar a tha sinn a-nis ag amas gu cinnteach air cur ri àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig agus tha taic Riaghaltais na h-Alba nar rùintean is gnìomh riatanach, air leth feumail agus na mhisneachd dhuinn.”

Crìoch

Notaichean

Tha lethbhreac den Phlana Cànain aig Riaghaltas na h-Alba ri fhaighinn aig http://www.scotland.gov.uk/Publications/2010/07/06161418/0

‘Se Bòrd na Gàidhlig a’ phrìomh bhuidheann phoblach le dleastanas Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh. Faic www.gaidhlig.org.uk . Fo Achd na Gàidhlig, tha cumhachdan aig Bòrd na Gàidhlig airson iarraidh air buidhnean poblach plana cànain a dheasachadh.

Tha Ginealach Ùr na Gàidhlig a’ cur taic ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007‐12 agus ri riatanasan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, ag ath‐phriomhachadh ghoireasan agus ghnìomhan gus meudachadh air togail cànain a thoirt gu buil mean air mhean. Airson tuilleadh fiosrachadh faic www.gaidhlig.org.uk

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu ghnothach sam bith an luib an naidheachd seo, cuiribh fòn gu Shona Sloan, Manaidsear Corporra & Conaltraidh, shona@gaidhlig.org.uk, 07500099394 no gu Ùisdean MacIllInnein air 0751 528 7040