Mar thoradh air maoineachadh fialaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, fhuair sgoilearan Àrd-Sgoil Lasswade cothrom air com-pàirteachadh ann an turas eile airson an trìtheamh bliadhna às dèidh a chèile, gu Sabhal Mòr Ostaig, an aon cholaiste Gàidhlig ann an Alba. Aon uair eile, fhuair iad tlachd à leasanan beòthail Gàidhlig gach madainn bhon neach-teagaisg eòlach, Catrìona Nic An t-Saoir. Am-bliadhna, bha mothachadh nan sgoilearan do shaoghal na Gàidhlig mòran nas àirde tro thuilleadh leasanan bho Kathleen Reddy à Alba Nuadh.
Às dèidh turas fada air an trèana bho Waverley, a’ tòiseachadh aig 7m, chuir sgoilearan iad fhèin air dòigh san àite-fuirich chofhurtail aca (seòmar le fras-nighe agus goireasan) agus an uair sin dh’ionnsaich iad mar a dh’òrdaicheadh iad an diathad ann an Gàidhlig. Am-bliadhna, thòisich leasanan Gàidhlig aig 7f feasgar Diluain. Bha seo riatanach oir bhathar an dùil tadhal air Bun-sgoil Shlèite madainn Dimàirt. Bha Bun-sgoil Shlèite, Sleat Primary School mar a bh’ ann, aig teis meadhain aire nam meadhanan ann an 2006 nuair a bha e air a mholadh an sgoil a ghluasad gu tur a-null gu foghlam tron Ghàidhlig.
Mar a thachair cùisean, cho-dhùin na sgoilearan ann am Bun-sgoil Shlèite a dhol air stailc gus an tàmailt a nochdadh mu ghearraidhean ionmhais san sgoil aca. Ghabh an stailc aca àite an dearbh latha a bha dùil aig sgoilearan Lasswade tadhal orra. Cha do chuir seo bacadh orra ge-tà, agus bha deugairean Lasswade fìor thoilichte coinneachadh ris a’ Cheannard, A’ Bh-ph Culbertson agus a luchd-obrach. Ghabh na daoine òga bho Mheadhan Lodainn ùidh mhòr anns na taisbeanaidhean balla sna clasruman a thuilleadh air beachd fosgailte eadar-nàiseanta clann an Eilein. Sgrìobh Teri Fairbairn sa cheathramh bliadhna gun Bh-ph Culbertson, “Bha e inntinneach faighinn a-mach gu bheil a’ chlann, a thuilleadh air a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig, ag ionnsachadh Fraingis agus Gearmailtis cuideachd. Saoilidh mi gu bheil a’ chlann sin math air cànanan a thogail.” Chuir mòran de sgoilearan Lasswade an cèill gum bu mhath leotha tilleadh don bhun-sgoil agus leasanan tro mheadhan na Gàidhlig fhaicinn gan teagasg.
An dèidh tadhal air oilthigh Gàidhlig agus bun-sgoil Ghàidhlig, chaidh oileanaich Lasswade air turas gu Àrd-Sgoil a’ Phluic a chur eòlas air iomain, spòrs na Gàidhealtachd, bho Mgr Rob MacAsgaill a tha a’ teagasg creideamh an sin. Bha sgoilearan Lasswade gu h-àraid fortanach gun robh trì sgoiltean à Béal Feirste a’ tadhal air a’ Phloc aig an aon àm, ann am pròiseact a bhios a’ tarraing sgoiltean gu chèile bho dhiofar thraidiseanan creideimh ann am Béal Feirste. Bha cothrom aig sgoilearan Lasswade gèam camanachd / iomain Èireannach fhaicinn san do bhuannaich Àrd-Sgoil a’ Phluic 9 gu 3 an aghaidh na sgioba Èireannaich a bha air a còmhlachadh bho na trì sgoiltean à Béal Feirste.
Taobh a-muigh aitreabhan foghlaim, chum oileanaich Lasswade air adhart a’ leudachadh an eòlais. Thuirt Siobhan MacFeate sa chòigeamh bliadhna, “Bha e na chuideachadh mòr a thighinn an seo a dh’ionnsachadh Gàidhlig seach a bhith dìreach ga ionnsachadh sa chlasrum.” B’ e turas air a’ bhàta “Seaprobe Atlantis” aon de na gnìomhachdan feasgair a b’ fheàrr leotha, a’ seòladh fo Dhrochaid an Eilein Sgìtheanaich bho Chaol Loch Aillse gu beagan shlait air falbh bho dhachaighean nan ròn bheaga, a rugadh dìreach seachdain no dhà roimhe sin. Thug an neach-iùil seachad fiosrachadh cuideachail air eunlaith agus fiadh-bheatha eile a chìteadh mu thimcheall an àite. An dèidh coimhead air na ròin, chaidh sgoilearan sìos am broinn a’ bhàta far an tug uinneagan mòra an druim a’ bhàta cothrom dhaibh air coimhead air beatha fo thuinn. Chaidh an sùilean fhosgladh do shaoghal eile fo na tuinn agus an neach-iùil a’ comharrachadh dhaibh muir-tiachd, sgaothan èisg agus coilltean mòra fo thuinn de cheilp, a’ mìneachadh dhaibh mun iomadh feum a thathar a’ faighinn à feamainn agus dè a dhèanadh iad nan deigheadh an guineadh le muir-tiachd.
A’ leantainn leasanan Gàidhlig gach madainn, dh’fhàs sgoilearan gu cunbhalach nas eòlaiche air cultar Gàidhlig anns na feasgaran. Diciadain, choimhead iad “Seachd”, an aon fhiolm làn-fhad Gàidhlig a th’ ann agus bha iad gu h-àraid fortanach gun d’fhuair iad cothrom agallamh a dhèanamh le Pàdruig Moireasdan, 14 bliadhna a dh’aois, a ghabh pàirt san fhiolm agus a thurchair a bhith air cùrsa dràma airson Gàidheil òga, sa cholaiste.
Cha bhiodh cothrom air cultar Ghàidhlig iomlan gun bhlasad air òran agus dannsa Gàidhealach. Aon uair eile, thaisbein Keri dannsa-ceum do bhalaich is nigheanan a bha dealasach mu dheidhinn a chumail a’ dol nuair a bha iad air ais dhachaigh. Dh’ionnsaich taoitear às na Beanntan Appalachianach sna Stàitean Aonaichte dà phort à beul ainmeil dhaibh - “Tha Fionnlagh ag innearadh” agus “Chuirinn air a’ phìob e”, agus an uair sin dh’ionnsaich na sgoilearan uile facail “O fhlùir na h-Alba”, agus choilean iad e air àrd-ùrlar mar chòisir air an oidhche mu dheireadh aig cèilidh, a fhuair taic urrasachad bho Bhòrd na Gàidhlig, agus far na choinnich deugairean Mheadhan Lodainn ri Gàidheil òga.
Tha àiteachan a’ lìonadh gu luath airson Ògmhios 2011 agus tha na sgoilearan uile air cur an cèill gu bheil iomnaidh orra gun cuir bacaidhean ionmhasail stad air a leithid sin de thursan san àm ri teachd. Sgrìobh Craig Thomas sa cheathramh bliadhna gu Bòrd na Gàidhlig, “Bu chòir do sgoilearan na h-Alba uile Gàidhlig ionnsachadh. Tha mi a’ faireachdainn gun do dh’fhosagail mo thuras gu Bun-sgoil Shlèite mo shùilean, a thaobh na strì ris a bheil daoine Gàidhealach a’ cothachadh. Tha iad a’ coileanadh aon phròiseact ach tha tè eile a’ feitheamh orra. Leis an tabhartas a tha sibh a’ toirt dhuinn, ‘s urrainn dhuinne an cuideachadh sa Ghalltachd le ìomhaigh na Gàidhlig a thogail sa cheàrnaidh againn.”
ÀRD-SGOIL LASSWADE
26 An Lùnastal 2010
