Dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, an-diugh (Dihaoine, 27 Lùnastal) gun tèid airgead a thoirt do thrèanadh dhaoine a tha an dòchas a bhith nam filmeadairean, air turas gu Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach.
Dhearbh Mgr Salmond gun tèid £10,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus £15,000 bho Bhòrd na Gàidhlig a thoirt do thrèanadh sgilean nan daoine a chuireas film a-steach gu FilmG, co-fharpais filmichean goirid na Gàidhlig. Bha e a’ tadhal air Cànan, companaidh chruthachail ioma-mheadhain a tha a’ cur na farpaise air dòigh bhon Ionad Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig.
Chuireadh FilmG air bhog le MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, ann an 2008 gus tàlant ùr a lorg ’s a leasachadh don t-sianal dhidseatach, BBC ALBA, agus gus roinn mhòr de dh’fhiosrachadh ùr Gàidhlig a thabhann air an eadar-lìn. Fhuair an fharpais, a tha a-nis san treas bhliadhna aice, còrr is 100 film Gàidhlig sa chiad dà bhliadhna. Chithear iad seo uile air-loidhne. Tha an fharpais a’ gabhail a-steach trèanadh ann an riochdachadh, sgrìobhadh sgriobta, stiùireadh, camara, fuaim, deasachadh agus Gàidhlig.
Air an turas, choinnich am Prìomh Mhinistear cuideachd ri Boyd Robastan, Prionnsapal an t-Sabhail, agus ri ceannardan obrach eile na colaiste, far an robhar a’ bruidhinn air iomadh cuspair.
Thuirt e: “Tha mi toilichte tadhal air Sabhal Mòr Ostaig a-rithist gus coinneachadh ris na ceannardan stiùiridh agus cluinntinn mun deagh bhuaidh agus na cothroman a tha ag èirigh à co-fharpais FilmG.
“Tha an Riaghaltas rùnaichte a thaobh a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig, a’ meudachadh foghlam na Gàidhlig agus a’ leasachadh inbhe na cànain air feadh Alba, na chùl-taic do choimhearsnachdan Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig riatanach airson ’s gun coilean sinn ar cuid amasan oir, tha e a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a’ cur gu mòr ri foghlam adhartach is àrd-ìre ann an Alba, ag ath-bheothachadh eaconamaidh dùthchail an Eilein Sgitheanaich agus a’ cruthachadh cheanglaichean cudromach eadar-nàiseanta.
“Tha Riaghaltas na h-Alba fìor thaiceil ri MG ALBA cuideachd. ’S e iomairt iongantach a th’ ann an Duaisean FilmG a tha air iomadh neach ealanta ann an Alba a bhrosnachadh a-cheana sna ciad dà bhliadhna bhon a chuireadh air cois i. Tha an fharpais a’ toirt chothroman inntinneach do fharpaisich an ciad chorra cheum a ghabhail a dh’ionnsaigh dreuchd ann an gnìomhachas nam meadhanan. Tha mi ro thoilichte foillseachadh gun tèid £25,000 a thoirt leis an Riaghaltas agus le Bòrd na Gàidhlig mar thaic do thrèanadh nan daoine a bhios a’ gabhail pàirt ann an Duaisean FilmG na bliadhna sa.”
Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA : “Tha FilmG air raon ùr de thàlant cruthachail fhuasgladh am measg luchd-labhairt Gàidhlig den h-uile aois. Tha sinn ro thoilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ris a’ phròiseact, an lùib an taic a tha sinn a’ faighinn bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus iomadh buidheann eile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri toradh ùr filmichean na bliadhna sa fhaicinn san Dùbhlachd nuair a thèid an cur air-loidhne.”
Thuirt Artair MacCormaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig ro thoilichte taic a thoirt do FilmG aon uair eile. Tha Plana Gnìomh a’ Bhùird, Ginealach Ùr na Gàidhlig, ag amas air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ toirt chothroman do dhaoine òga, don fheadhainn ann am foghlam Gàidhlig gu h-àraidh, air a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an dòigh chruthachail, a’ togail deagh cheanglaichean smuain ris a’ chànan taobh a-muigh an t-seòmair teagaisg. ’S e a bhith a’ gabhail pàirt ann am FilmG aon dòigh air am faod seo a choileanadh, agus tha sinn a’ guidhe soirbheachas buan leis.”
Thuirt Donella Pheutan, Ceannard Cànain: “Chaidh 108 filmichean Gàidhlig a dhèanamh tro iomairt FilmG agus fhuair còrr is 300 neach trèanadh gu ruige seo. Bheir am foillseachadh an-diugh cead dhuinn clàr trèanaidh nan inbheach a leudachadh agus taic a chur ri còrr is 20 sgoil air feadh Alba. Tha mathas nam filmichean a fhuair FilmG a’ sealltainn gur e airgead air a dheagh chosg a th’ ann.”
’S e ‘Làmh an Uachdar’ cuspair FilmG na bliadhna sa, agus thathar a’ cur ìmpidh air a h-uile neach, aig a bheil Gàidhlig ’s aig nach eil, an cuid ealantas cruthachaidh a thaisbeanadh le bhith a’ cur a-steach film. Faodaidh FilmG tuilleadh chothroman a thabhann ann an gnìomhachas nam meadhanan ma shoirbhicheas leotha. Chaidh film goirid buadhaiche na ciad farpaise a shealltainn aig fèisean film eadar-nàiseanta air feadh an t-saoghail.
