Solas air a' Churraicealam airson Sàr-mhathais ann an Gàidhlig nan tràth ìrean.
Chaidh DVD a chur air bhog le Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, mar thaic do luchd-obrach Gàidhlig nan tràth ìrean ann a bhith a' gabhail na cuid as fheàrr den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Tha an goireas a' toirt seachad eisimpleirean practaigeach den churraicealam ann an gnìomh agus a' cur solas air na caochladh dhòighean sam faod clann sgilean Gàidhlig a thogail 's a leasachadh. Tha criomagan film ann cuideachd de fhìor eisimpleirean ann an grunn shuidheachaidhean, agus molaidhean a thaobh oideachadh gnìomhach na Gàidhlig, a tha seaghail agus stèidhichte air cluich, thar ochd raointean a' churraicealaim.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal:
"Tha an Curraicealam airson Sàr-mhathais an dùil oideachadh ath-bheothachadh agus modh-obrach ciallach a thoirt seachad bho aois 3 - 18. Tha e a' tairgsinn cothrom air leth do luchd-obrach modhan ùr-nodha innleachdail a leasachadh, a chuireas ri oideachadh chlann òga aig an àm as riatanaiche dhaibh.
"'S iad clann a dh'ionnsaicheas Gàidhlig sna bliadhnachan as tràithe den fhoghlam aca a gheibh an cothrom as fheàrr an cànan a chur gu feum ann am beatha làitheil. 'S e sin as adhbhar gu bheil seo mar phrìomh phàirt den iomairt againn gus àireamh luchd-labhairt òga na Gàidhlig àrdachadh agus gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a' chànan.
"Bidh eisimpleirean san DVD de theagasg na Gàidhlig ann an sgoiltean-àraich nan cuideachadh do luchd-obrach ann a bhith a' cleachdadh a' churraicealaim ùir gus piseach a thoirt air oideachadh sgoilearan. 'S iomadh deagh bheachd a gheibhear ann, eadar a bhith a' cur sgoilearan an sàs ann an gnìomhan buntainneach san sgìre aca gus am fàs iad cleachdte ri bhith a' cluinntinn daoine a' bruidhinn na Gàidhlig, gu bhith a' cleachdadh òrain agus bàrdachd thraidiseanta Ghàidhlig gus sgilean litearrachd a thogail.
"Tha mi an dòchas gum brosnaich seo luchd-obrach nan sgoiltean-àraich is bun-sgoiltean Gàidhlig, agus gum faigh sgoilearan aig ìre thràth ionnsachadh na Gàidhlig buannachd às a' mhodh oideachaidh a tha stèidhichte air cluich agus a tha cho soirbheachail sna bliadhnachan tràthail."
Thogadh eisimpleirean de chleachdadh math a tha a' nochdadh ann an còig suidheachaidhean bho air feadh na h-Alba. Tha an earrann Leasachaidhean agus Ionnsachadh Cànain a' sealltainn chlann a bhios ag ionnsachadh Gàidhlig le raon de ghnìomhan. 'S iad seo: a' dol an sàs sa choimhearsnachd Ghàidhlig mun timcheall orra, a' cleachdadh ICT agus obair oideachaidh ghnìomhach. Thèid fiosrachadh a thoirt do luchd-teagaisg Gàidhlig a thaobh mar a bhios clann a' togail cainnt agus mar a bhios iad an uair sin a' ruigsinn ìre far a bheil iad dà-chànanach ann an labhairt agus sgrìobhadh.
Chaidh an DVD a dheasachadh le Ionnsachadh agus Teagasg Alba. Chaidh lethbhric a chur gu na h-ionadan ro-sgoile agus bun-sgoile uile a bhios a' toirt seachad foghlam Gàidhlig.
