Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air luchd-ealain na Gàidhlig an dèidh seachdain iomraiteach nuair a chaidh tè de bhana-sheinneadairean na Gàidhlig a chomharrachadh airson a’ chlàir as fheàrr dhen bhliadhna, agus nuair a chaidh Tobar an Dualchais a chur air bhog air an eadar-lìon.
An-diugh (Diardaoin, Dùbhlachd 9, 2010) tha còrr is 15,000 de ghnothaichean clàraichte ann an Gàidhlig, Albais, agus Doric gam foillseachadh air-loidhne tro Thobar an Dualchais. Tha an stuth air a thional bho chruinneachaidhean stòrais a’ BhBC, Sgoil Eòlais na h-Alba agus Cruinneachadh Chanaigh le Urras Nàiseanta na h-Alba, agus tha iad nan toradh air barrachd air 80 bliadhna de shaothair luchd-cruinneachaidh.
Chaidh am pròiseact a cho-òrdanachadh le Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus bha cosnadh ga chumail ri suas gu 40 neach aig diofar amannan an-sàs ann an grunn earrannan fa-leth dhen obair, a mhòr-chuid dhiù stèidhichte nan dachannan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Chaidh an stuth a dheisealachadh airson an eadar-lìn thar na còig bliadhna a chaidh leis a’ phròiseact Tobar an Dualchais/Kist o Riches agus tha an stuth a-nis air cruth-atharrachadh bhon chiad sheann dhòigh air clàradh gu dreach didsiteach.
Chuir Bòrd na Gàidhlig taic de £322,250 ris a’ phròiseict rè ùine. Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche a’ Bhùird: “'S e stòras prìseil a tha seo a tha fìor dheatamach agus na phàirt air leth cudromach do chultar na h-Alba. Fosglaidh Tobar an Dualchais sùilean agus cluasan dhaoine gu ceòl is òrain bho air feadh na dùthcha, agus chan e Gàidhlig a-mhàin. 'S iongantas gu bheil a-leithid air feadh an t-saoghail agus bu chòir dhuinn uile a bhith moiteil à na rinneadh airson a thoirt chun na h-ìre seo. Bu chòir fàilte a chur air seo fad is farsaing agus tha ar taing a bhith aig leithid Sgoil Eòlais na h-Alba a th’air na dorsan aca fhosgladh chun t-saoghail agus am BBC a th’air suas gu 2,000 uair a shìde de stuth eadar am Mòd agus ‘Dèanamaid Adhradh' a chur air an làrach."
Chuir Mghr MacCarmaig cuideachd fàilte air an naidheachd gun deach taic luach £250,000 ainmeachadh leis an Riaghaltas do ealain traidiseanta na h-Alba air an deireadh sheachdain, nuair a ghlèidh grunn Ghàidheil duaisean aig cuirm Dhuaisean a’ Chiùil Traidiseanta am Peairt.
Chaidh an duais airson clàr na bliadhna gu Julie Fowlis airson Uam; duais cruthachaidh ciùil na bliadhna gu Iain Moireasdan; chaidh Eilidh NicChoinnich ainmeachadh mar sheinneadair Gàidhlig na bliadhna agus chaidh urram shònraichte a bhuileachadh air Dòmhnall MacRath airson na rinn e fad a bheatha a’ seinn an Gàidhlig.
A bharrachd air sin, chaidh Duais Shònraichte airson Cur ri Ceòl na Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, chun BhBC airson an t-sreath phrògraman Bliadhna nan Òran. Bha Art MacCarmaig an-sàs anns an t-sreath ann an grunn dhòighean. Thuirt e: “Gu pearsanta, tha Bliadhna nan Òran air tlachd agus toileachas a thoirt dhomh fad na bliadhna agus b’ fheàrr leam gum cumadh e a’ dol! Ach aig ìre eile, tha Bliadhna nan Òran air sealltainn dhan t-saoghal mhòr am beartas de dh’òrain, seinneadairean agus sgrìobhadairean a bha againn, agus a tha againn fhathast gu ìre, ann an Gàidhlig. Mar ghoireas do sheinneadairean, gu sònraichte do sheinneadairean òga, a tha ag iarraidh an eòlas aca air òrain a leudachadh, tha an làrach lìn ar leth feumail. Tha e mìorbhaileach gu bheil an comas aig daoine a dhol a-steach agus èisteachd ri diofair sheinneadairean a’ seinn an aon òran, agus gu bheil na faclan agus fiosrachadh mu na seinneadairean agus mun sgrìobhadairean uile san aon àite.”
“Bu mhath leam meala naidheachd a chur air luchd na Gàidhlig a thog na duaisean aig a’ Chuirm ann am Peairt. Tha an dòigh anns a bheil iad còmhla a’ cumail ceòl is òrain Ghàidhlig air beul an t-sluaigh agus a’ togail dhuaisean son leithid a’ chlàir is fheàrr dhen bhliadhna airson an dàrna turas a’ sealltainn cho làidir sa tha na h-ealain Ghàdhlig an dràsta. A’ cur sin an-lùib an taic de £250,000 a dh’ainmich Ministear a’ Chultair Fiona Hyslop do na h-ealain traidiseanta air feadh na dùthcha, 's e fìor dheagh sheachdain a tha air a bhith ann do na h-ealain agus saoghal na Gàidhlig.”
BÒRD NA GÀIDHLIG A’ CUR FÀILTE AIR SEACHDAIN MHÒR DO NA H-EALAIN GHÀIDHLIG
09 December 2010
