Co-labhairt Cheannardan Sgoile a’ togail air riatanas com-pàirteachais
09 An Dùbhlachd 2011


Ghabh ceannardan sgoile a’ chiad cheum an t-seachdain-sa a dh’ionnsaigh lìonra nàiseanta a chruthachadh a bhios ag amas air taic a chur ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba.  Aig a’ cho-labhairt ann an Inbhir Nis, a’ chiad cho-labhairt de dhà air aoigheachd bho Bhòrd na Gàidhlig, chuir ceannardan air feadh na dùthcha taic ris a’ mholadh a bhith a’ coinneachadh gu cunbhalach, mar oidhirp air an roinn a chuideachadh ’s a neartachadh, agus a tha air a mholadh ann an aithisg HMIe  “Gaelic Education: Building on the successes, addressing the barriers” a thàinig a-mach o chionn ghoirid.

Bha na ceannardan a’ cuimseachadh air an dòigh as fheàrr air taic feumail fhaotainn do theagasg na Gàidhlig sna sgoiltean agus cudromachd foghlam tron Ghàidhlig a dhaingneachadh a thaobh suidheachadh seasmhach don Ghàidhlig a chruthachadh mu choinneamh an àm ri teachd, a thuilleadh air soilleireachadh air na bunnachdan dearbhte inntinneil a tha an lùib dà-chànanas.

A’ fosgladh an tachartais, rinn an Dr Alasdair Allan BPA, Ministear Riaghaltas na h-Alba le dleastanas airson Ionnsachadh is Sgilean, mìneachadh air cho fìor bhunaiteach ’s a tha foghlam Gàidhlig do bhith a’ cruthachadh tèarainteachd don chànan ann an Alba sna bliadhnaichean a tha romhainn. Thuirt e, “Tha ceannardas làidir na phàirt dheatamach de liubhairt foghlaim ann an Alba agus tha mi air leth toilichte fhaicinn gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ stiùireadh tachartas a tha air a leithid sin de phrìomh luchd-compàirt a thoirt cruinn còmhla.

“Tha Foghlam Alba a’ gabhail ris a’ phàirt chudromach a tha aig ceannardan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG) agus sinn a’ strì ri ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig a thoirt gu buil. Le taic phoblach don Ghàidhlig aig ìre cho àrd, feumaidh sinn cothrom air FTG a leudachadh air feadh na dùthcha, agus tha mi an dùil ’s an dòchas gun cuidich toradh na co-labhairt seo an-diugh le  dealas Riaghaltas na h-Alba a dhaingneachdadh a thaobh seasmhachd don Ghàidhlig san àm theachdail.”

Thug am prìomh òraidiche, am Proifeasair Colin Baker à Oilthigh Bangor, taisbeanadh dìoghrasach seachad do bhuidheann de 35 neach, mu dheidhinn buannachdan conaltraidh is bith-litearrachd dà-chànanais. Tha am Proifeasair Baker na ùghdar air sia leabhraichean deug agus air còrr is seasgad teacs eile a sgrìobhadh air dà-chànanas agus foghlam dà-chànanach. Bha an teachdaireachd aige a’ cur gu mòr ris a’ phrìomh theachdaireachd ann an iomairt nàiseanta geamhraidh Bhòrd na Gàidhlig, a tha ag adhartachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Dà Chànan = Iomadh Cothrom. Seo a’ chiad iomairt aig a’ Bhòrd agus ged a tha e fhathast aig ìre thràth tha e air fios-air-ais deimhinneach a spreagadh. 

Thuirt Màiri Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, “Tha an dreach Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012 – 17 ag amas air an àireamh de sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a dhùblachadh ro 2017.  Gus an targaid seo a choileanadh, feumaidh sinn leantainn air adhart ag adhartachadh buannachdan dà-chànanais is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba.

"Tha ar sgiobaidhean foghlaim is conaltraidh air a bhith ag obair gu dlùth ann an cruthachadh iomairt ùr, sa bheil prìomh theachdaireachdan a’ lìbhrigeadh agus ag àrd-mholadh feartan dà-chànanais. Thathar an dòchas an iomairt seo a leudachadh agus a leasachadh sa Bhliadhna Ùr.” 

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu:

Steven MacÌomhair, Oifigear Conaltraidh is Cùisean Corporra aig Bòrd na Gàidhlig. 

Post-d: steven@gaidhlig.org.uk     Fòn-làimhe: 07557 481 081