Tha Taic Freumhan Coimhearsnachd, sgeama maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, air fosgladh a-rithist airson iarrtasan ùra bho buidhnean a tha ag amas air cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a leudachadh anns na sgìrean aca fhèin.
Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha an sgeama taic-airgid Taic Freumhan Coimhearsnachd air a bhith fìor shoirbheachail agus feumail, a’ cumail taic ri pròiseactan do gach aois agus air feadh na h-Alba. ‘S e ‘Fàs agus Feabhas’ an tiotal a th’ air an dreach Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012-17. Tha e cudromach gun tig fàs anns an àireamh sgoilearan a tha a’ frithealadh foghlam Gàidhlig gach bliadhna ach cha tig feabhas gun ceangal làidir eadar sgoiltean, dachaighean agus coimhearsnachdan.”
“Nuair a bha sinn air an rathad a’ togail bheachdan air an dreach phlana bho chionn ghoirid, bha e follaiseach gun robh ùidh mhòr aig coimhearsnachdan air feadh Alba gus Gàidhlig a thogail agus a chleachdadh. Tha prìomhachasan sònraichte aig gach coimhearsnachd agus tha sinn an dòchas gun cuir tòrr bhuidhnean iarrtas a-steach airson an taic-airgid seo gus na pròiseactan aca a chur an gnìomh.”
Tha tuilleadh fiosrachaidh agus foirmean iarrtais airson Taic Freumhan Coimhearsnachd rim faotainn bho làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig www.gaidhlig.org.uk no cuiribh fòn gu 01463 225454. Bidh an cothrom seo airson iarrtasan a’ dùnadh air Diluain 6 Gearran 2012.
DEIREADH
