Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic urrasachd ri Duais Ghàidhlig ùr do na sgoiltean
06 An Gearran 2012

Airson a’ chiad uair a-­‐riamh, chithear duais Ghàidhlig aig tachartas Duaisean Foghlaim na h-­‐ Alba am-­‐bliadhna. Tha an duais a tha às leth Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Ionnsachadh a’ toirt aithne do sgoiltean agus ro-­‐sgoiltean a tha a’ solarachadh chothroman don chloinn uile, mothachadh do chànan is do chultar na Gàidhlig a leasachadh. Tha an duais a’ faotainn taic urrasachd bho Bhòrd na Gàidhlig a tha a’ brosnachadh nan sgoiltean uile gus pàirt a ghabhail ann. Tha cothroman ainmeachaidh mu choinneamh na duaise fosgailte gu làithreach agus bidh sin a’ dùnadh aig toiseach a’ Mhàirt. Bidh seirbheis shònraichte a’ gabhail àite dhaibhsan a bhios air a’ gheàrr-­‐liosta airson nan duaisean air Dimàirt 12 Ògmhios ann an Taigh-­‐òsta Hilton ann an Glaschu. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na duaisean air làrach-­‐lìn Bhòrd na Gàidhlig aig www.gaidhlig.org.uk.

Tha am fiosrachadh mu dheidhinn na duais Ghàidhlig a’ leantainn gu dlùth air iomairt geamhraidh a’ Bhùird ann an 2011/2012, le oidhirp nàiseanta air buannachdan dearbhte dà-­‐ chànanais a chur air adhart agus pàrantan a bhrosnachadh gus an cuid chloinne a chlàradh ann am foghlam Gàidhlig. Thuirt Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig Màiri Nic Ille Mhaoil: “Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte ar taic a chur ris an duais seo aig àm a tha foghlam Gàidhlig a’ leudachadh agus dh’iarradh sinn gu dùrachdach air na sgoiltean uile cur a-­‐steach air a son. Tha dàrna Plana Gàidhlig Nàiseanta na h-­‐Alba ag amas air an àireamh de chloinn a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh bho 400 gu 800, agus tha adhartachadh foghlam Gàidhlig tro thachartasan leithid nan Duaisean Foghlaim gar cuideachadh gus an amas sin a choileanadh. Tha sinn a’ cur fàilte air deònachd luchd-­‐eagrachaidh an tachartais a bhith a’ co-­‐obrachadh leinn gus Gàidhlig a ghabhail a-­‐steach do na duaisean.

Thuirt an Dtr Alasdair Allan, Ministear Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànanan na h-­‐Alba: “ ’S e cothrom mìorbhaileach a tha seo do sgoiltean air feadh na dùthcha iad fhèin a chur air adhart mar cheannabhairean ann an ionnsachadh na Gàidhlig agus chuirinn ìmpidh orra uile a dhol an sàs ann.”

“Tha Riaghaltas na h-­‐Alba dealasach a thaobh seasmhachd bheòthail a thèarainn don Ghàidhlig san àm ri teachd agus tha ar sgoiltean mar phàirt bhunaiteach ann an toirt sin gu buil.”

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu: Steven MacÌomhair, Oifigear Conaltraidh is Cùisean Corporra aig Bòrd na Gàidhlig.

Post-­‐d: steven@gaidhlig.org.uk Fòn-­‐làimhe: 07557 481 081 

Air a dealbh le Pelican Design Consultants • Air a cumail le Sitekit CMSTerms of use