| COMANN NA CAMANACHD A' FOILLSEACHADH GOIREASAN COIDSIDH ANN AN GÀIDHLIG | |
| 10 June 2009 Tha buidheann riaghlaidh saoghal na camanachd, Comann na Camanachd, an co-bhonn ri Bòrd na Gàidhlig, a’ foillseachah sreath ùr de stuth coidsidh ann an Gàidhlig agus bileag fiosrachaidh dà-chànanach. Chaidh na cairtean coidsidh a dheasachadh mar ghoireas a chuidicheadh le teagasg agus brosnachadh camanachd ann an aonadan Gàidhlig, feuch an rachadh na ceanglan eadar a’ Ghàidhlig agus an spòrs a neartachadh. Tha a’ bhileag fiosrachaidh ag amas air daoine a tha ùr dhan ghèam agus aig nach eil cus eòlais air freumhan agus eachdraidh na camanachd. Tha stuth ann a’ mìneachadh cò às a thànaig camanachd, càite bheileas ’ga chluich an-diugh agus dè mar a thèid aig neach a bhith a’ gabhail pàirt ann. Thèid na goireasan ùra fhoillseachadh aig Cuairt Dheireannach Cupa MhicTàbhais ann an Inbhirnis Disathairne seo tighinn agus gheibh daoine an cothrom clann fhaicinn a’ cleachdadh an stuth ùr còmhla ri coidsichean. Thuirt Dòmhnall Stiùibhart, Iar-Cheann-Suidhe Chomann na Camanachd: “Tha mòran dhaoine an luib saoghal na camanachd aig a bheil Gàidhlig eadar cluicheadairean, coidsichean agus buill sgiobaidhean agus tha e cudromach gum bi sinn ag obair còmhla riutha, ri Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd ach am bi sin cinnteach gun tèid a’ Ghàidhlig agus camanachd bho neart gu neart; ’s e deagh thoiseach-tòiseachaidh a tha seo.” Thuirt stiùiriche Leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig Dòmhnall Moireasdan: “Tha Bòrd na Gàidhlig ro-thoilichte a bhith a’ toirt taic do Chomann na Camanachd anns an leasachadh seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu ceanglan nas dlùithe a thogail le Comann na Camanachd a’ dol air adhart. Bu chòir gum biodh barrachd pàirt aig cluicheadairean agus luchd riaghlaidh na Camanachd ann an Saoghal na Gàidhlig. Tha an stuth ùr seo ’na ghoireas a bhios feumail a thaobh a bhith a’ neartachadh ceanglan eadar saoghal spòrs agus a’ choimearsneachd mhòr taobh- muigh sin. Le barrachd camanachd a’ nochdadh am bliadhna air BBC Alba, bidh òigridh bho shaoghal na Gàidhlig agus na camanachd air am beò-ghlacadh le na sàr-chluicheadairean is eile a chì iad agus tha e cudromach gum bi am Bòrd agus Comann na Camanachd ag obair nas dlùithe a’ neartachadh ar cultar agus dualachas làimh ri làimh. Bidh sinn a’ coimhead ri tuilleadh adhartais bhon Chomann a thaobh na Gàdhlig agus gum bi poileasaidh Gàdhlig aca agus leasachaidhean eile a bheir dhuinn an cothrom a bhith a’ cruthachadh saoghal ùr a bhios seasmhach agus buannachdail dhuinn le chèile.” Airson barrachd fiosrachaidh mun stuth ann an Gàidhlig, cuiribh fios gu Comann na Camanachd ann an Inbhirnis air 01463 715931.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Naidheachd seo, cuiribh fios gu Comann na Camanachd ann an Inbhirnis air 01463 715931. | |


