| PLANA GNÌOMH LE BÒRD NA GÀIDHLIG GA THOIRT DHAN RIAGHALTAS | |
| 21 An Dùbhlachd 2009 Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig, air Plana Gnìomh a chur chun Riaghaltais, a’ mìneachadh am planaichean airson astar a chur anns an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh, agus cuideachd dòighean nas èifeachdaiche air a bhith ag obair agus a’ cleachdadh stòrais. Nas tràithe air an t-samhradh, nuair a bha e a’ tadhal air grunn bhuidhnean agus tachartasan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, chuir Mìcheal Ruiseal, a bha aig an àm na Mhinistir airson na Gàidhlig, impidh air a’ Bhòrd ceumannan fìor adhartach a ghabhail airson barrachd dhaoine a mhisneachadh gu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig; dh’iarr e cuideachd gum bu chòir dhan Bhòrd coimhead, mar phrìomh amas, ri dòighean air ginealach ùr na Gàidhlig a chruthachadh. Aig coinneamh leis a’ Bhòrd anns an Lùnastal dh’iarr am Ministear Plana Gnìomh a dheasachadh le focas air iomairtean a bhiodh adhartach agus cothromach, a dhearbhadh dòighean èifeachdach air stòras agus structaran a chur an-sàs. ’S e “Ginealach Ùr na Gàidhlig” am Plana Gnìomh a chaidh a dhealbh an dèidh do Bhòrd na Gàidhlig a bhith an coluadair le buidhnean a tha a’ riochdachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, agus buidhnean lìbhrigidh a tha aig a’ cheart àm an-sàs ann an leasachaidhean. Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche a’ Bhùird, “Tha amasan teann agus sìmplidh aig a’ Phlana seo, a ghabhas coileanadh. Tha e stèidhichte air a bhith a’ gabhail ceumannan a tha practaigeach agus deatamach airson àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig an Alba a thogail agus tha rùintean misneachail sa bhunait. Tha an Aithisg ag amas air còig prìomh raointean: taic do phàrantan, taic foillsichidh agus misneachaidh; ionnsachadh a-measg inbheach; foghlam aois 0-3, agus foghlam aois 3-18. Tha an Aithisg a’ moladh grunn iomairtean ro-innleachdail taobh staigh crìochan ionmhais a th’air an comharrachadh, agus le clàr-ama a tha mionaideach. Bidh an Aithisg mar dhrochaid eadar am Plana Nàiseanta mar th’ann an dràsta agus an ath Phlana. Chan urrainn dhuinn cor na Gàidhlig a leasachadh an aon latha, no taobh-staigh geàrr-ùine. Ged a chanadh cuid nach do shoirbhich leinn gu ruige seo, tha dearbhadh againn gu bheil àireamhan a’ fàs ann an sgoiltean agus gu bheil crìonadh a-measg luchd-cleachdaidh san fharsaingeachd air a bhith a’ cothromachadh. Tha am Plana seo a’ mìneachadh innleachdan a ghabhadh cleachdadh airson astar a chur ri fàs anns na h-àireamhan. Tha e fìor dheatamach gun tuig sinn dè tha a’ gluasad agus a’ misneachadh dhaoine gu bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus le deagh rùn. ’S dòcha gur e pròis nàiseanta, tomhas air eachdraidh, miann son a bhith a’ tuigsinn ainmean-àite na dùthcha, taic a chumail ri cloinn san dachaigh le obair-sgoile, tuigse air briathrachas òrain, a bhith ag ionnsachadh cànain mar chur-seachad no son obair fhaotainn. ’S e an t-amas againn cothroman Gàidhlig ionnsachadh a dhèanamh furasta agus tarraingeach. Tha e fìor chudromach do Bhòrd na Gàidhlig gum bi luchd na Gàidhlig iad fhèin a’ cuideachadh leis a’ ghnìomh. Tha mòran aig daoine a th’air a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig fad am beatha ri chur ri beairteas agus brìgh na Gàidhlig mar a thathas a’ leasachadh chùisean agus i air a labhairt leis a h-uile duine.” Bidh na còig raointean obrach anns a’ Phlana Gnìomh nis nam prìomh amasan aig a’ Bhòrd airson 18 mìosan bhon Fhaoilleach seo tighinn. Thèid molaidhean a’ Phlana Gnìomh fhoillseachadh an dèidh còmhraidhean le, agus aonta Mhinistearan, agus tha Bòrd na Gàidhlig an dòchas a bhith ann an suidheachadh gluasad air cùisean tràth anns a’ Bhliadhn’ Ùr. Thuirt Mghr MacCarmaig: “Tha mi air mo mhòr-mhisneachadh leis an obair a rinneadh le luchd-obrach a’ Bhùird agus buill an Sgioba Stiùiridh eadar-amail thar nam mìosan a chaidh. Tha am Plana Gnìomh seo a’ dol chun Riaghaltais mar chaidh iarraidh ron Nollaige le amasan adhartach, agus ’s e fìor cheum chudromach a tha seo, an-lùib leasachaidhean eile air fastadh luchd-obrach airson structar ùr agus freagarrach. Tha raon farsaing de dh’obair ron Bhòrd agus le barrachd luchd-obrach anns a’ Bhliadhn’ Ùir. Tha mise creidsinn gum bi sin gar fàgail ann an suidheachadh nas dòchasaiche Ceannard ùr a lorg mar a bha nar rùn aig toiseach na bliadhna.” | |


