Bòrd na Gàidhlig a’ moladh BBC Alba chur air Freeview sa bhad
15 Am Faoilteach 2010

Tha mar a shoirbhich le BBC Alba bhon chaidh a stèidheachadh anns an t-Sultain 2008 na theisteanas air èifeachdas co-obrachaidh eadar am BBC agus MG Alba, agus tha Bòrd na Gàidhlig dhen bharail gu bheil na tha an dàn dhan t-seirbheis an crochadh air dà cheum: BBC Alba a chraoladh air Freeview sa bhad agus barrachd stòrais a chur gu BBC Alba ach an tèid aca air an cuid phrògraman a dhealbh agus a leasachadh gu leantainneach.

Ann an tagradh a’ Bhùird gu Urrasairean a’ BhBC an diugh (Dihaoine 15 Faoilleach) air an lèirmheas mu BBC Alba,  tha Bòrd na Gàidhlig a’ moladh do dh’Urras a’ BhBC an taic a chur ri BBC Alba le bhith a’ gabhail ri iarrtas son Alba a chur air Freeview sa bhad, le barrachd stòrais mu choinneamh leasachaidhean air an t-seirbheis.

Anns an tagradh, a tha an-luib an naidheachd seo, tha Cathraiche a’ Bhùird, Art MacCarmaig ag radh: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an taic bho Urras a’ BhBC don Ghàidhlig agus a’ creidsinn gu daingeann gu bheil comas brìgheil aig rèidio, telebhisean agus seirbheisean Gàidhlig air-loidhne gus amasan a’ Bhùird fhèin adhartachadh agus gus cuideachadh le mòr-mhiannan na coimhearsnachd Ghàidhlig a thoirt gu buil. 

Tha pàirt deatamach aig BBC Alba a thaobh a bhith a’ solarachadh chothroman gus Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh, gus a cleachdadh a chomasachadh ann an raon de dh’earrannan cosnaidh, gus a faicsinneachd a mheudachadh, a’ cur taic ri a h-inbhe agus a’ solarachadh gluasad cunbhalach mu choinneamh leasachadh leantainneach corporra.

Tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil BBC Alba, bho chaidh an sianal a thòiseachadh air 19 Sultain 2008, air amasan ainmichte a choileanadh a thaobh feabhasachadh air an t-seirbheis a tha ri fhaotainn le luchd-labhairt na Gàidhlig, an t-seirbheis dhaibhsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain agus iadsan a dh’fhaodadh a bhith airson an cànan ionnsachadh. Tha BBC Alba cuideachd a’ tairgsinn uinneag air a’ Ghàidhlig agus a cultar do neach sam bith aig a bheil ùidh. Tha e a’ nochdadh agus a’ cur taic ri cultar, dearbh-aithne agus dualchas na Gàidhlig ann an dòigh a tha deimhinneach. Le bhith a’ cosnadh àireamh de luchd-amhairc cunbhalach de 200,000 gach seachdain, tha e air creideas a stèidheachadh agus tha taic brìgheil agus mothachadh seòrsa am measg mòr-shluagh na h-Alba.”

Ann an co-dhunadh, tha am Bòrd ag ràdh: “Tha am Bòrd a’ cur luach air an taic a fhuaireadh gu dìreach agus gu neo-dhìreach bho BBC ALBA agus a sgioba-obrach, agus a’ cumail a-mach gu bheil BBC ALBA na phrìomh chom-pàirtiche ann an liubhairt plana glòr-mhiannach gus ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh. Chan urrainnear a bhith a’ meas fo luach am pàirt a tha aige ann an àrdachadh solar foghlaim Gàidhlig aig gach ìre. 

Tha BBC ALBA air a dheònachas a thaisbeanadh ann an cur ri tionnsgnaidhean foirmeil agus neo-fhoirmeil aig a h-uile ìre, agus tha e air a chomas a shoilleireachadh a thaobh taic do luchd-ionnsachaidh aig gach ìre.

Tha am Bòrd ag aithneachadh agus air a mhisneachadh le dealas BBC Alba a thaobh meudachadh air bunait sgilean agus cothroman cosnaidh a tha rim faotainn le  luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Chan urrainnear a mheas fo luach cho cudromach ’s a tha cruthachadh chothroman airson raon fharsaing de thàlant ùr. Tha cruthachadh ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig an crochadh air daoine òga a tharraing agus a ghleidheadh agus tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil pàirt deatamach aig BBC Alba ann an dèanamh cinnteach gun tachair seo.  

 Tha soirbheachadh BBC Alba na theisteanas don cho-obrachadh gun choimeas eadar BBC agus MG Alba. Tha am Bòrd a’ creidsinn gu bheil soirbheachadh BBC Alba san àm ri teachd an eisimeil dà phrìomh ghnìomh: 

  1. BBC Alba fhaotainn air Freeview gu grad;
  2.  Meudachadh air a’ mhaoineachadh a tha ri fhaotainn le BBC Alba gus a dhèanamh comasach air a phrògramadh a chumail suas agus a leasachadh. 

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur ìmpidh air Urras a’ BhBC taic a chur ri BBC Alba le bhith a’ moladh craobh-sgaoileadh sa bhad air Freeview, le barrachd stòrais is ghoireasanson an t-seirbheis àrdachadh agus a leasachadh. 

Còmhla ri seo: Leth-bhreac de thagradh a’ Bhùird gu Urrasairean a’ BhBC ann an Gàidhlig agus am Beurla.