Tha Bòrd na Gàidhlig glè eòlach air beachdan àbhaisteach Mhgr Rosie. Aig a h-uile tionndadh, tha e a’ gabhail air gun labhairt dìreach ris a’ Bhòrd, a dh’aindeoin cuireadh bhon Chathraiche coinneachadh aig àm sam bith. Cuideachd, tha e air diùltadh na cùisean sin a dheasbad aig coinneamh phoblach na sgìre fhèin. Chan eil e aig àm sam bith air an fhianais a thaisbeanadh a tha e ag ràdh a tha a’ seasamh airson beachdan luchd-taghaidh na roinne Pàrlamaid aige.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd glè uailleil às a cuid teisteanasan Gàidhlig a thaisbeanadh, mar a’ chiad ùghdarras ionadail a thug Plana Gàidhlig gu buil. Thug Comhairle na Gàidhealtachd fhèin am Plana gu buil, agus chaidh aontachadh leis a’ Bhòrd. Feumar a dhèanamh soilleir gum b’ e riatanas a bha seo fo Achd de Riaghaltas na h-Alba agus bu chòir gabhail ris gu trom-chùiseach. San aon dòigh agus a tha Comhairlichean na Gàidhealtachd a’ riochdachadh beachdan nan daoine san roinn-taghaidh aca, tha BPA a’ riochdachadh beachdan nan daoine sna roinnean taghaidh acasan. Chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh gun dùbhlan leis gach pàrtaidh ann an Riaghaltas na h-Alba. Leis gun deach i tron phròiseas iomchaidh dheamocratach, cha bhiodh am Bòrd a’ faicinn feum sam bith air referendum eile agus chanadh am Bòrd cuideachd gum biodh a’ chosgais an lùib a leithid sin de referendum nas motha na na tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cosg air Gàidhlig ann am bliadhna.
Tha maoineachadh cudromach air a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd gus a miannan fhèin a choileanadh, agus tha fios gun gabh Mgr Rosie iongnadh ma thuigeas e nach eil a’ Chomhairle air an t-airgead a chosg air fad. Tha am Bòrd a’ ceasnachadh beachd Mhgr Rosie gu bheil cosgais air a’ Ghàidhlig a’ dèanamh cron air clann agus seirbheisean eile, agus a’ faighneachd cò às a tha na milleanan notaichean a tha esan a’ smaoineachadh a thathar a’ cosg air Gàidhlig ann an Comhairle na Gàidhealtachd a’ tighinn. Bu chòir dha briseadh mionaideach iarraidh air na h-oifigich, a thaobh na tha Comhairle na Gàidhealtachd dha-rìribh a’ cosg air Gàidhlig bho a stòrais fhèin.
Tha an roghainn a thaobh foghlam tron Ghàidhlig mar roghainn a thathar a’ toirt do phàrantan fo Achd an Fhoghlaim 1980 agus bu chòir do Mhgr Rosie tuigsinn gu bheil feum aig sgoiltean agus aonadan Gàidhlig air luchd-teagaisg cuideachd. Bu chòir do leasachadh na Gàidhlig agus na cothroman cosnaidh a tha ag èirigh às, a bhith air fhaicinn mar nì dheimhinneach san staid làithreach eaconamach. Ma tha luchd-teagaisg an ìmpis an cosnadh a chall, bhiodh sinn an dòchas gum faiceadh iad Gàidhlig mar sgil fheumail a bharrachd agus chuirteadh fàilte orra an cànan ionnsachadh gus am faighinn air ais a dh’obair.
Is iongantach mura h-eil an Comhairliche Rosie mothachail gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a’ pàigheadh nan cìsean ceudna ris gach neach eile, agus gu bheil taic Riaghaltas na h-Alba don Ghàidhlig tro Achd na Gàidhlig air a cho-fhreagairt le taic ionmhasail brìgheil a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith glè dheònach gabhail ris. Tha Comhairle na Gàidhealtachd fhèin a’ tional aig a’ char as lugha 5 uiread ann an Cìs Comhairle bho luchd-labhairt na Gàidhlig na tha i a’ cosg ann an taic don chànan. Leis gu bheil cosgais na Comhairle nas lugha na cairteal de aon sa cheud den bhuidseat iomlan aca, tha e duilich fhaicinn ciamar a tha buaidh chronail mhì-chothromach aig caiteachas cho beag air seirbheisean eile mar a tha an Comhairliche Rosie a’ tagradh.
Ach airson e a bhith ag ràdh nach eil e an aghaidh na Gàidhlig, faodaidh daoine tighinn gu an co-dhùnadh fhèin mu dheidhinn sin. Tha doras Bhòrd na Gàidhlig fosgailte do Mhgr Rosie gus tighinn a dh’fhaicinn mar a tha am Bòrd ag obrachadh, agus tha sinn a-rithist a’ toirt cuireadh dha na cùisean sin a dheasbad gu poblach leinn. San eadar-ama, cumaidh sinn air adhart ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd air a’ bhunait gu bheil iad a’ dol a liubhairt a’ Phlana Gàidhlig a dh’ullaich agus a dh’aontaich iad, agus a dhearbh sinne.