| DREUCHDAN ÙRA A' CUR RI OBAIR RANNSACHAIDH ANN AN COIMHEARSNACHDAN GÀIDHLIG | |
| 19 January 2010 Cuirear gu mòr ri obair rannsachaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig le dà dhreuchd ùr gan stèidheachadh fon iomairt ùir shònraichte, Soillse. Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ sireadh dithis luchd-obrach ùr, Proifeasair Rannsachaidh agus Àrd-mhanaidsear Pròiseact, a bhios a’ stiùireadh na h-iomairt agus a’ rannsachadh chuspairean fìor chudromach don Ghàidhlig, nam measg cleachdadh a’ chànain san dachaigh agus sa choimhearsnachd, poileasaidh is cleachdaidhean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ bhuaidh a th’ aig poileasaidhean bhuidhnean poblach air a’ Ghàidhlig. ’S e seo a’ chiad iomairt den leithid airson na Gàidhlig a bhios a’ tarraing rannsachadh Gàidhlig ri chèile aig ìre nàiseanta agus a bhios a’ toirt chothroman ùra do dhaoine an cànan is a chultar a rannsachadh. A bharrachd air an dà dhreuchd aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, bidh còig dreuchd eile agus taic airson naoinear oileanach PhD sgaoilte air feadh nan ionadan eile a tha a’ gabhail pàirt san iomairt, Colaisde a’ Chaisteil OGE agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu. Thuirt Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig OGE: “’S e com-pàirteachais ùr adhartach a th’ ann an Soillse às an tig barrachd co-obrachaidh agus a bhios a’ togail air rannsachadh bho bhuidhnean rannsachaidh eile agus bho dhùthchannan eadar-nàiseanta. Chaidh an t-airgead a bu mhotha a chaidh riamh a thoirt do rannsachadh na Gàidhlig bho na h-oilthighean a chur ris an iomairt, is an còrr a’ tighinn bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.” ’S ann fo stiùir an neach chliùitich acadaimigich, Proifeasair Richard Johnstone, a dh’fhoillsich an aithisg chudromach, ‘The Attainment of Pupils Receiving Gaelic-medium Primary Education in Scotland’, ann an 1999, a bhios an iomairt sa chiad dol a-mach. Thuirt Proifeasair Johnstone: “’S e prìomh amas na h-iomairt fiosrachadh a sgaoileadh air dè tha fainear dhuinn, ciamar a bhios sinn ag obair, dè na buannachdan a thig às an iomairt agus cò ris am bi sinn a’ bruidhinn. Bidh sinn ag obair gu dlùth, chan ann dìreach le na h-oilthighean a tha a’ gabhail pàirt agus na buidhnean maoineachaidh, ach cuideachd le eòlaichean eadar-nàiseanta agus seachd gu h-àraidh le na buidhnean agus na coimhearsnachdan Gàidhlig.”
| |


