Graphic version of this page | Change how these pages look
[Image - Bòrd na Gàidhlig]
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | (External) Clò-bhual
Gàidhlig:
Gàidhlig
Fàilte
Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg agus Cunntasan
31 Màrt 2010
[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan
CLIÙ : COTHROM AIR MAOINEACHADH ÙR DO LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG
Back
01 February 2010
‘S e buidheann-carthannais a tha ann an Clì Gàidhlig
a tha clàraichte agus aithnichte gu nàiseanta.
‘S e tarraing dhaoine ùra dhan Ghàidhlig agus gam brosnachadh priomh amasan na buidhne. A bharrachd air sin bidh sinn a’ tabhann taic agus comhairle do luchd-ionnsachaidh leantainneach aig a h-uile ìre.
Maoin - Cuideachadh do Luchd-ionnsachaidh Ùra
Bidh Clì Gàidhlig a’ cur gu deuchainn sgeama taic-airgid airson luchd-cleachdaidh ùra aig a bheil ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh Clì Gàidhlig a’ toirt taic do leudachadh ann an chleachdadh a’ chànain le togail aireamhan nan daoine a’ dol gu clasaichean Gàidhlig. Ni a’ mhaoin seo e comasach do Chli daoine, aig nach eil taic-airgid an dràsta, a chuideachadh.
Anns an iomairt Cliù, faodaidh Clì Gàidhlig cuideachadh a thoirt do dhaoine le cosgaisean dìreach anns na roinnean a leanas:-
Cùram-cloinne
Siubhal
Aiteachan-fuirich
Daoine gun cothrom air taic-airgid ILA
Cosgaisean a bharrachd ceangailte ri duilgheadasan le gluasadachd/ciorram
Tabhartas-airgid aon uair a-mhàin airson oidean ùra gus cùrsaichean Gàidhlig a chur air chois
Cò dha a tha an sgeama?
Bidh tagraichean nan daoine a tha a’ tòiseachadh air ionnsachadh na Gàidhlig, no luchd-ionnsachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mu thràth agus a tha airson tòiseachadh as ùr gus a’ chànain a thogail gu ìre adhartach. Bidh tagraichean a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cùrsa, anns a bheil ùidh aca, clàraichte agus air a chur suas gu cheart. Faodaidh cùrsaichean a bhith air an ruith le ùghdarras ionadail, colaistean ionadail, Clì Gàidhlig agus solaraichean eile nan cùrsaichean Gàidhlig.
Feumaidh Tagraichean a bhith 16+.
Feumaidh Tagraichean a bhith fuireach ann an Alba.
Fios air Iarrtasan
Lìon foirm-iarrtais a-staigh a tha ri fhaotainn às an oifis Cli Gaidhlig, 1 – 4 Taigh Rèile na Gàidhealtachd,
Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis IV1 1LE no air an làrach-lìn againn www.cli.org.uk .
Chan fhaigh duine sam bith cuideachadh às dèidh dha tòiseachadh air cùrsa .
Bidh
an tagradh feumach air cead bho Chlì Gàidhlig
mus tòisich an neach-ionnsachaidh air cùrsa sam bith. Chan fhaigh tagraiche ach aon tairgse a-mhàin de chuideachadh ionmhasail anns a’ bhliadhna-ionmhais. Chan eil a’ mhaoin seo ach glè bheag an-dràsta agus ‘s ann le Clì Gàidhlig a bhios am facal mu dheireadh a thaobh na taice-airgid. Bidh
Cli Gàidhlig a’ gleidheadh na còrach
dàil a chur air tagraidhean
nuair a tha a’ mhaoin caithte.
Bidh Clì Gàidhlig a’ cumail sùil air an sgeama agus ni sinn atharrachadh, ma bhios feum air,
gus cothromachd agus cunntachalachd na maoin a chumail suas.
Tha Clì Gàidhlig
an comain Bòrd na Gàidhlig, a’ Bhuidheann Leasachaidh Nàiseanta airson àrdachadh na Gàidhlig, airson a’ chuideachaidh ionmhasail a thug iad don iomairt seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:-
Seonag Anderson,
Manaidsear Chùrsaichean, Clì Gàidhlig,
Fòn : 01463 226710,
Post-dealain seonag@cli.org.uk
Clì Gàidhlig, buidheann cothruim is adhartachaidh na Gàidhlig.
Amasan
·
Ionnsachadh is inbhe nàiseanta na Gàidhlig a bhrosnachadh
·
Fiosrachadh air Gàidhlig is cùisean Gàidhlig a sgaoileadh
·
Beachd luchd-ionnsachaidh is fileantaich ùra na Gàidhlig a chur an cèill
Bidh ‘Cothrom’,
an raitheachan do bhuill Chlì Gàidhlig agus an làrach-lìn aig Clì www.cli.org.uk
nan goireasan tarraingeach is fiosrachail do luchd-ionnsachaidh.
© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk
Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS • Terms of use