BÒRD NA GÀIDHLIG A’ CUR FÀILTE AIR SUAICHEANTAS GAIDHLIG AIRSON GLASCHU 2014
08 March 2010

Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil suaicheantas Gàidhlig gu bhith air a chleachdadh an-lùib deisealachadh, margaidheachd agus modhan-obrach sgioba Ghlaschu a tha a’ dèiligeadh ri Geamaichean a Cho-Fhlaitheis ann an 2014. 

 

Chaidh fhoillseachadh an diugh an Glaschu gum bi suaicheantas Gàidhlig ga chur an sàs bho seo a-mach, agus seo a’ chiad uair riamh a fhuaireas cead a leithid de cheum a ghabhail a thaobh cànan. 

 

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig:  “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dreach Gàidhlig suaicheantas Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis airson 2014. Tha sinn air a bhith ro-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 mar a tha iad air a bhith a’ coimhead air dòighean Gàidhlig a chleachdadh nan cuid-obrach.  Le cho cudromach sa tha Gàidhlig do dh’Alba agus do shluagh na h-Alba a tha thall thairis, tha e iomchaidh agus cudromach gum biodh aire dhaoine air a tharraing gu Gàidhlig agus gun rachadh a chleachdadh, fhaicinn agus a chluinntinn cho tric sa ghabhas aig ìre a tha freagarrach.  Tha, agus bha àite air leth aig Glaschu ann an saoghal na Gàidhlig, agus bidh aire an t-saoghail air baile mòr nan Gàidheal. Tha cothroman mòra an luib nan Geamaichean do Ghlaschu agus dhan Ghàidhlig, le na th’ann de dhaoine a tha ga cleachdadh agus bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail inbhe agus aithne na Gàidhlig àrdachadh ann an suidheachadh eadar-nàiseanta. Tha sinn an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachaidh do na Geamaichean agus tha fiughar againn a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 gu dlùth airson inbhe na Gàidhlig a thogail agus a chleachdadh mar as còir ann an leithid de shuidheachadh.”