Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
Fàilte
/
Naidheachdan
/
Naidheachdan Ùra
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | (External) Clò-bhual
Gàidhlig:
English
Fàilte
An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010
Planaichean Gàidhlig
Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11
Colmcille
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Am Bòrd
Obraichean
A’ Ghàidhlig
Foghlam Gàidhlig
Maoineachadh
Stiùireadh
Ealain is Cultar
Rannsachadh
Naidheachdan
Tachartasan
Naidheachdan Ùra
Tasglann
Consultations
Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg Bhliadhnail 2009/10
[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan
BÒRD NA GÀIDHLIG A’ CUR FÀILTE AIR SUAICHEANTAS GAIDHLIG AIRSON GLASCHU 2014
Air ais
08 Am Màrt 2010
Tha Bòrd na Gàidhlig air fàilte a chur air an naidheachd gu bheil suaicheantas Gàidhlig gu bhith air a chleachdadh an-lùib deisealachadh, margaidheachd agus modhan-obrach sgioba Ghlaschu a tha a’ dèiligeadh ri Geamaichean a Cho-Fhlaitheis ann an 2014.
Chaidh fhoillseachadh an diugh an Glaschu gum bi suaicheantas Gàidhlig ga chur an sàs bho seo a-mach, agus seo a’ chiad uair riamh a fhuaireas cead a leithid de cheum a ghabhail a thaobh cànan.
Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig:
“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dreach Gàidhlig suaicheantas Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis airson 2014. Tha sinn air a bhith ro-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 mar a tha iad air a bhith a’ coimhead air dòighean Gàidhlig a chleachdadh nan cuid-obrach.
Le cho cudromach sa tha Gàidhlig do dh’Alba agus do shluagh na h-Alba a tha thall thairis, tha e iomchaidh agus cudromach gum biodh aire dhaoine air a tharraing gu Gàidhlig agus gun rachadh a chleachdadh, fhaicinn agus a chluinntinn cho tric sa ghabhas aig ìre a tha freagarrach.
Tha, agus bha àite air leth aig Glaschu ann an saoghal na Gàidhlig, agus bidh aire an t-saoghail air baile mòr nan Gàidheal. Tha cothroman mòra an luib nan Geamaichean do Ghlaschu agus dhan Ghàidhlig, le na th’ann de dhaoine a tha ga cleachdadh agus bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail inbhe agus aithne na Gàidhlig àrdachadh ann an suidheachadh eadar-nàiseanta. Tha sinn an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachaidh do na Geamaichean agus tha fiughar againn a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 gu dlùth airson inbhe na Gàidhlig a thogail agus a chleachdadh mar as còir ann an leithid de shuidheachadh.”
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig
Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig
© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk
Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS • Terms of use