CO-LABHAIRT 'BHO PLANA GU GNIOMH'
12 Am Màrt 2010

Theid Co-labhairt air ‘Bho Plana gu Gnìomh’ a chumail le Bòrd na Gàidhlig air an 20mh den Chèitean ann an Inbhir Nis, le fiathachadh ga chur gu buidhnean Gàidhlig agus buidhnean eile leithid ùghdarrasan ionadail a tha an sàs ann an leasachadh a’ chànain.

’Se latha fiosrachaidh a bhitheas ann airson duine sam bith a tha ag iarraidh barrachd fiosrachadh air pròiseactan ùra a tha a’ brosnachadh na Gàidhlig agus gu h-àraidh air na dòighean maoineachaidh airson planaichean agus pròiseactan a chur an gnìomh.

Air an latha bi seiseanan fiosrachaidh ann air diofar cuspairean agus mu diofar phròiseactan agus aig deireadh an latha, a’ coimhead air adhart chun ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Thuirt Art MacCarmaig, cathraiche Bòrd na Gàidhlig:

“Thèid an latha seo a chumail airson daoine a tharraing còmhla gus beachdachadh mun t-slighe air adhart ann a bhith a’ co-obrachadh air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh.  Bidh sinn cuideachd a’ leantainn air còmhraidhean mu fheumalachdan nan coimhearsnachdan a thòisich nuair a bha co-labhairt shoirbheachail againn ann am Breascleit san t-Sultain 2008.  Tha sinn an dòchas prògram a chur ri chèile a thogas inntinn dhaoine agus a bheireadh dhaibh cothrom deasbad a thogail cuideachd.”

Mu tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachadh air an co-labhairt, cur fios gu Bòrd na Gàidhlig aig fios@gaidhlig.org.uk neo cur fòn air 01463 225454.

DEIREADH

Notaichean:

Fios gu: Shona Sloan, Manaidsear Conaltraidh, shona@gaidhlig.org.uk
01463225454

‘Se buidheann poblach neo-roinneil a th’ann am Bòrd na Gàidhlig, cunntachail do ministearan Riaghaltas na h-Alba agus a bhitheas a’ toirt seachad comhairle air cuisean mun a dh’ Ghàidhlig.