Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
Tabhartasan ùra airson pròiseactan coimhearsnachd Gàidhlig
Air ais
12 An t-Samhain 2007
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean iarrtas taic-airgid a chur a-steach airson pròiseactan a tha a’ neartachadh togail is cleachdadh na Gàidhlig am measg òigridh agus anns an dachaigh.
Bidh na tabhartasan, nach bi nas àirde na £2,500 gach fear, a’ cuideachadh lìbhrigeadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha £50,000 de thaic-airgid ga tabhann uile gu lèir.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh a’ Bhùird, Dòmhnall MacGilleMhoire:
“Tha iomadh buidheann bheag agus buidhnean coimhearsnachd air feadh na dùthcha a tha a’ gabhail os làimh obair chudromach don chànan agus a tha a’ toirt neart don Ghàidhlig anns na coimhearsnachdan againn.
“Tha a’ mhaoin seo ann gus buidhnean a chuideachadh pròiseactan ùracruthachail a ruith, a bhios a’ brosnachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd ach gu h-àraid anns an dachaigh agus am measg na h-òigridh.
“Ged a bhios na tabhartasan fhèin meadhanach beag, tha fios againn gum bi sùimeannan mar seo na chuideachadh mòr do bhuidhnean a tha a’ cur iomairtean coimhearsnachd air dòigh.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri iarrtasan fhaighinn a bhios a’ cuideachadh le Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh.”
- Bu chòir do phròiseactan a bhith ag amas air neartachadh na Gàidhlig anns an dachaigh agus am measg òigridh
- ’S e 10 Dùbhlachd 2007 an latha mu dheireadh airson iarrtasan
- Cha bu chòir do dh’iarrtas a bhith thairis air £2,500
Roimhe seo, tha sgeamaichean taic a’ Bhùird air cuideachadh a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd leithid Pàrant is Pàiste Bhàgh a’ Chaisteil airson stuthan ionnsachaidh is cluiche; Comann Cùram-chloinne Albannach airson leasachadh seirbheis cùram-chloinne Ghàidhlig; Ionad Loch a Tuath airson tachartasan taobh a-muigh na sgoile do dh’òigridh; Fèis na h-Òige airson bùthan-obrach do dheugairean; agus Comhairle Lannraig a Tuath airson buidheann ionnsachaidh teaghlaich.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh agus foirm iarrtais air Togail is Cleachdadh
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk