Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
Fàilte
/
Naidheachdan
/
Naidheachdan Ùra
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | (External) Clò-bhual
Gàidhlig:
English
Fàilte
An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010
Planaichean Gàidhlig
Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11
Colmcille
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Am Bòrd
Obraichean
A’ Ghàidhlig
Foghlam Gàidhlig
Maoineachadh
Stiùireadh
Ealain is Cultar
Rannsachadh
Naidheachdan
Tachartasan
Naidheachdan Ùra
Tasglann
Consultations
Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg Bhliadhnail 2009/10
[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan
BILEAG ÙR FOGHLAIM GA FHOILLSEACHADH LE BÒRD NA GÀIDHLIG
Air ais
13 An Dàmhair 2009
Chaidh bileag ùr dà-chànanach a’ mìneachadh buannachdan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus cho soirbheachail sa tha e, fhoillseachadh an diugh (Dimàirt) aig a Mhòd Nàisenata Rìoghail anns an Òban.
Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach an Alba a tha a’ comhairleachadh an Riaghaltais air gnothaichean Gàidhlig agus gu sònraichte foghlam, air a’ bhileag fhoillseachadh a thoirt barrachd fiosrachaidh do phàrantan mu na cothroman a tha an lùib na Gàidhlig aig gach diofar ìre de dh’fhoghlam ann an Alba. Bidh a’ bhileag cuideachd na chobhair do luchd-ionnsachaidh feuch dè mar ba thèid aca fhèin air deagh shlighe fhuasgladh airson tighinn gu fileantachd air an dòigh as fhasa agus as èifeachdaiche.
A’ bruidheann aig an fhoillseachadh, thuirt Rosemary Nic a’ Bhàird, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachadh a’ Bhùird, “ ’S e th’air cùl na tha sinn a’ dèanamh an iomairt agus am fòcas a th’againn a nis air a bhith a’ fàs àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus a’ lorg ginealach ùr de luch-labhairt. Tha e gu math follaiseach dhan h-uile duine cho cudromach sa tha an dachaigh ged tà, agus cuideachd aoisean ro-sgoile. ’S e a tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh mar a tha sinn a’ dol air adhart a bhith a’ togail air an fhiosrachadh a tha sinn a’ tabhann do phàrantan ach am bi iad a’ breithneachadh air cùisean agus roghainnean gu fiosrachail nuair a tha iad a’ cothromachadh gach slighe a tha romhpa dhan cuid chloinne. Tha a’ bhileag seo na toiseach-tòiseachaidh ann a bhith ’gan stiùireadh air an t-slighe, ’gan treòrachadh gu barrachd fiosrachaidh agus stiùireadh fhaotainn ann an àiteachan eile.”
Tha fiosrachadh anns a’ bhileig ann an Gàidhlig agus am Beurla air eachdraidh agus cothroman foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, trusadh luchd-teagaisg, cothroman ionnsachaidh do dh’inbhich agus Gàidhlig aig ìre FE agus Àrd-fhoghlam.
Thuirt Jo NicDhòmhnaill, ball de Sgioba Taic Stiùiridh Eadar-amail a’ Bhùird: “Cha robh riamh uibhir de fhèill air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha iomadach gnothach an lùib sin air am feum sinn coimhead. ’S ann anns an dachaigh agus air foghlam ro-sgoile a dh’fheumas ar fòcas a bhith ged tha ma tha sinn gu bhith a’ fàs àireamhan de luchd-labhairt. Feumaidh fiosrachadh bunaiteach a bhith aig pàrantan mu na cothroman a tha romhpa agus na cothroman cosnaidh is slighean foghlaim a th’ann dhan cuid chloinne ma roghnaicheas iad foghlam Gàidhlig. Tha am Bòrd air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh na bileig seo mar phàirt de Mhòd na Cloinne, agus gu seachd àraidh seach gu bheil am program ionnsachaidh do chloinn anns a’ bhun-sgoil (GLPS) air a bhith cho soirbheachail an seo anns an Òban.”
Tha tuilleadh leth-bhreacan dhen bhileig ùr rim faotainn bho Bhòrd na Gàidhlig.
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig
Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig
© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk
Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS • Terms of use