Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
[Image - Bòrd na Gàidhlig]
Fàilte
/
Am Bòrd
/
Achd na Gàidhlig
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | Clò-bhual
Gàidhlig:
English
Fàilte
An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010
Planaichean Gàidhlig
Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11
Colmcille
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Am Bòrd
Achd na Gàidhlig
Luchd-obrach a' Bhùird
Buill a' Bhùird
Plana Corporra
Coinneamhan is Pàipearan
Sgeama Co-ionannachd Chiorraim
Sgeama an Fhiosrachaidh
Stuthan Foillsichte
Obraichean
A’ Ghàidhlig
Foghlam Gàidhlig
Maoineachadh
Stiùireadh
Ealain is Cultar
Rannsachadh
Naidheachdan
Consultations
Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg agus Cunntasan
31 Màrt 2010
[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan
Achd na Gàidhlig
Chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas sa tha air a' Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air a' 1mh An t-Ògmhìos 2005.
Fon Achd, tha Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh agus an toirt gu buil. Tha e an urra ris a' Bhòrd comhairle a thoirt air foghlam Gàidhlig, agus comhairle air cùisean Gàidhlig a thoirt do Mhinistearan na h-Alba.
Tha an Achd a' toirt bun-stèidh oifigeil dhan iomairt gus cànan is dualchas nan Gàidheal a ghleidheadh agus 's e Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri daoine is buidhnean eile a tha a' coileanadh dhleastanasan na h-Achd.
Am measg nan dleastanasan sònraichte aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig tha:
- comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig;
- Plana Nàiseanta na Gàidhlig a dheasachadh 's a stiùireadh;
- comhairle a thoirt seachad air cùisean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig ann an Alba;
- comhairle agus stìureadh a thoirt do bhuidhnean poblach air planaichean Gàidhlig; agus
- a bhith tomhas mar a choileanar dleastanasan Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan a thaobh na Gàidhlig ann an Alba agus sin innse do Mhinistearan na h-Alba.
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Fon Achd, tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a' stiùireadh adhartachadh na Gàidhlig agus a' cur an cèill mar a tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a choileanadh cuid de na dleastanasan aige. Feumaidh am Bòrd am Plana ùrachadh a h-uile còig bliadhna co-dhiù, agus feumaidh am Bòrd beachdan dhaoine a shireadh air dreach dhen Phlana agus aonta fhaighinn bho Mhinistearan na h-Alba mus urrainn dha gach Plana Nàiseanta fhoillseachadh.
Planaichean Gàidhlig
'S e aon de na prìomh dhleastanasan eile aig Bòrd na Gàidhlig fon Achd a bhith ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh agus a thoirt gu buil.
Tha grunn riaghailtean san Achd a tha a' mìneachadh mar as urrainn do Bhòrd na Gàidhlig, nuair a tha e freagarrach is reusanta, iarraidh air buidhnean poblach plana Gàidhlig a dhealbh 's a chur an gnìomh. Thathar cuideachd a' mìneachadh mar as urrainn dhan Bhòrd measadh a dhèanamh air ciamar a tha na buidhnean poblach sin a' coileanadh amasan a' phlana Ghàidhlig aca. Agus faodaidh buidhnean poblach no Bòrd na Gàidhlig a dhol gu Ministearan na h-Alba nuair nach b' urrainnear aonta a ruighinn a thaobh ghnothaichean co-cheangailte ri plana Gàidhlig.
Ann am planaichean Gàidhlig, bu chòir mothachadh a bhith air a' Phlana Nàiseanta as ùire, agus na th' ann de dhaoine aig a bheil Gàidhlig a dh’fhaodadh feum a dhèanamh de sheirbheisean na buidhne, fianais a thugadh seachad air cleachdadh na Gàidhlig sa bhuidhinn sin agus comhairle bho na Ministearan no bho Bhòrd na Gàidhlig.
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig
Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig
Duilleagan co-cheangailte
Stiùireadh
Foghlam Gàidhlig
Plana Nàiseanta na Gàidhlig
Làrach-lìn fheumail
Achd na Gàidhlig
Càirt Eòrpach nam Mion-chànanan
Pàrlamaid na h-Alba
© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte
Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk
Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS • Terms of use