Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead

[Image - Bòrd na Gàidhlig]


Fàilte
/
Stiùireadh
/
Eadar-theangachadh, Eadar-mhìneachadh is Luchd-oideachaidh 
Clàr-iùil na làraich | Teacsa a-mhàin | Clò-bhual


Gàidhlig:

English




Fàilte



An Gnìomh a Dhearbhas - Co-labhairt 2010



Planaichean Gàidhlig



Taic Freumhan Coimhearsnachd 2010/11



Colmcille



Plana Nàiseanta na Gàidhlig



Am Bòrd



Obraichean



A’ Ghàidhlig



Foghlam Gàidhlig



Maoineachadh



Stiùireadh


Eadar-theangachadh, Eadar-mhìneachadh is Luchd-oideachaidh



Dealbhadh is Margaideachd



Sàr Eisimpleirean



Ceistean Bitheanta



Ealain is Cultar



Rannsachadh



Naidheachdan



Consultations

Aithisg Bhliadhnail
Bòrd na Gàidhlig Aithisg Bhliadhnail 2009/10

[Image - Teacher Recruitment]
(External) [Image - mygaelic.com]
RSS Naidheachdan


Eadar-theangachadh, Eadar-mhìneachadh is Luchd-oideachaidh

Eadar-theangachadh, Eadar-mhìneachadh is Luchd-oideachaidh Eadar-theangachadh
'S e an dòigh as fheàrr, ma ghabhas e a dhèanamh, stuthan agaibh a sgrìobhadh sa Ghàidhlig an toiseach ma tha iad a' dol a nochdadh sa Ghàidhlig; ach tha fhios aig Bòrd na Gàidhlig gu tric gur e eadar-theangachadh a tha dhìth air cuid a bhuidhnean airson fiosrachadh is stuthan a sgaoileadh gu dà-chànanach.
Ma tha eadar-theangachadh a dhìth oirbh bu chòir dhuibh cuideigin proifeiseanta fhaighinn a tha air na sgilean aca a dhearbhadh, oir 's e sgil shònraichte a th' ann agus cha bhiodh buidheann ag iarraidh mhearachdan san stuth fhoillsichte aca. Tha Bòrd na Gàidhlig a' moladh sa chumantas gum bu chòir eadar-theangairean riaghailtean GOC 2 (Gnàthasan Litreachaidh na Gàidhlig, 2005) a leantainn agus tha sinn cuideachd a' feuchainn ri càileachd a bhrosnachadh san roinn seo. Tha sinn an dòchas gum bi teisteanas sònraichte ann ri ùine a bhios na dhearbhadh air comasan dhaoine. Tha a' bhuidheann sheirbheisean cultarail Fosglan, a tha stèidhichte ann an Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas, ag obair ann an co-bhuinn ri Bòrd na Gàidhlig gus seo a sholarachadh. Tha iad cuideachd air liosta de dh'eadar-theangairean a chur air dòigh. Eadar-mhìneachadh
Air sgàth an leudachaidh ann an cleachdadh na Gàidhlig am measg bhuidhnean, tha barrachd iarrtais air eadar-mhìneachadh ann. A-rithist 's e sgil shònraichte a th' ann agus tha Bòrd na Gàidhlig agus Fosglan air a bhith ag obair còmhla gus liosta de dhaoine comasach a chruthachadh ris am faod buidhnean coimhead. Tha uidheamachd aig Comunn na Gàidhlig.
Tha eadar-mhìneachadh a' ciallachadh gum faod an aon mheas a bhith air gach cànan aig coinneamhan is tachartasan eile, agus tha e a' ciallachadh gum bi cothrom air a' Ghàidhlig anns a h-uile suidheachadh nar beatha phoblach. Luchd-Oideachaidh
Tha luchd-teagaisg Gàidhlig a dhìth air cuid a bhuidhnean, no air luchd-obrach is buill bhuidhnean, 's na buidhnean is daoine seo ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh. Chithear fiosrachadh mu chothroman ionnsachaidh do dh'inbhich fo Ionnsachadh mar Inbheach agus san earrainn Foghlam Gàidhlig. Gu h-ìosal chithear liosta de cheanglaichean feumail a thaobh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig:
Clì Gàidhlig
Colaisde a' Chaisteil
Colaiste Inbhir Nis
Colaiste Stow
Comunn na Gàidhlig
Ionadan Ionnsachaidh UHI
Learndirect ann an Alba
Sabhal Mòr Ostaig
SQA
Saoghal na Gàidhlig
Ceanglaichean eadar-lìon Gàidhlig Faclair
(External) Ceangal gu faclairean Gàidhlig Duilleagan co-cheangailte
Ceistean Bitheanta
Làrach-lìn fheumail
Cànan
GOC





© Bòrd na Gàidhlig [2006]
Gach còir glèidhte

Fiosrachadh Feumail Eile


Bòrd na Gàidhlig, Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis IV2 7PA
Fòn: +44 [0] 1463 225454 • Facs: +44 [0] 1463 716217 • oifis@gaidhlig.org.uk



Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants • Air a cumail le (External) Sitekit CMS Terms of use