Lèirmheas Urras a' BhBC

Ma tha ùidh agaibh ann an craoladh Gàidhlig san àm ri teachd, bu choir dhuibh pàirt a ghabhail ann an Lèirmheas Urras a’ BhBC air sianal telebhisean BBC Alba, a chaidh a thòisich ann an 2008.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cur beachdan mionaideach gu Urras a’ BhBC mu na molaidhean air a bheil iad a’ co-chonaltradh agus thathar an dùil crìoch a chur air an tagradh sin aig coinneamh a’ Bhùird ann am meadhan na Dùbhlachd. Tha Urras a’ BhBC a’ cur a-mach cuireadh airson beachdan co-cheangailte ris an lèirmheas air BBC Alba, ro 18 Faoilleach 2010.

Tha raon de sgrìobhainnean buntainneach, a’ gabhail a-steach an sgrìobhainn co-chomhairleachaidh agus sgrìobhainnean fiosrachaidh eile, rim faotainn aig bbc.co.uk/bbctrust.