Am Bòrd

Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh mar bhuidhinn phoblaich fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a chuireadh an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006.

Tha an reachdas air a dhealbhadh gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt an àrd, inbhe a' chànain a dhèanamh tèarainte agus àm ri teachd don chànan a dhearbhadh san fhad-ùine. Tha an Achd a' cur 3 amasan sònraichte ro Bhòrd na Gàidhlig:

  • àireamh luchd-labhairt is luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a mheudachadh;
  • cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse air a' Ghàidhlig a bhrosnachadh; agus
  • a bhith cuideachadh le bhith a' toirt cothrom do dhaoine air a' Ghàidhlig 's a cultar air feadh Alba.

Chaidh Cathraiche agus Buill Bhòrd na Gàidhlig a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba san Fhaoilleach 2006. Tha aon duine deug ball gu h-iomlan aig a' Bhòrd an-dràsta, a' gabhail a-steach a Chathraiche, agus tha uallach air airson riaghladh agus stiùireadh ro-innleachdail Bòrd na Gàidhlig.

Sa Ghiblean 2010, chuir Ministearan na h-Alba aonta ri Ginealach Ùr na Gàidhlig, plana gnìomha a tha gu sònraichte cuimsichte air na h-àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh. Am measg phrìomhachasan Ginealach Ùr na Gàidhlig tha oidhirp air an àireamh de chloinn ro-sgoile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig a mheudachadh, taic a thoirt do am pàrantan, an àireamh de luchd-ionnsachaidh inbheach a mheudachadh agus meudachadh air an àireamh de luchd-teagaisg le comas teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig.

Mar bhuidheann phoblach neo-roinneil (NDPB), tha Bòrd na Gàidhlig air a mhaoineachadh le Ministearan na h-Alba, agus cunntachail dhaibh. Tha am Bòrd ag obair gu dlùth ris an Riaghaltais, buidhnean poblach agus buidhnean cudromach eile, buidhnean Gàidhlig agus buidhnean coimhearsnachd nam measg, gus cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse air a' Ghàidhlig a leudachadh, agus gun cleachdar an t-ionmhas poblach ann an dòigh a tha èifeachdach is iomchaidh agus gum faighear luach às an airgead sin.

Tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhuinn ris na Gàidheil agus ri muinntir na h-Alba, ag iarraidh a' Ghàidhlig a chur air bilean an t-sluaigh.