Stiùireadh Obrachaidh
Tha stiùireadh soilleir ro-innleachdail air a chur an gnìomh le Buill a' Bhùird agus leis an Àrd-Sgioba Stiùiridh, a' dèanamh cinnteach gu bheil na cinn-uidhe gan coileanadh agus gu bheil cunnartan air an làimhseachadh gu h-iomchaidh, agus a' dearbhadh gu bheil goireasan na buidhne air an cleachdadh ann an dòigh chunntachail.
Tha ath-structaradh a' Bhùird ann an 2010/11 air toradh ann am modhan ùra riaghlaidh corporra aig Bòrd na Gàidhlig, a tha stèidhichte air ceannardas agus stiùireadh làidir èifeachdach; modhan co-dhùnaidh follaiseach cothromach; làimhseachadh èifeachdach air cunnart; modhan sgrùdaidh èifeachdach; agus siostaman taic a tha a' toirt comas do luchd-obrach a bhith èifeachdach, tarbhach agus sgairteil.
Structar a' Bhùird
Tha na trì comataidhean a leanas againn gu làithreach:
Comataidh Sgrùdaidh
Bidh a' Chomataidh seo a' cumail sùil thairis air na modhan aithriseachd air ionmhas aig a' Bhòrd, na modhan in-sgrùdaidh agus sgrùdadh bhon taobh a-muigh, agus a' dèanamh cinnteach gu bheil ath-bhreithneachadh cuibheasach agus cunbhalach ga choileanadh air modhan in-smachd na buidhne, a' gabhail a-steach an òrdachaidh air làimhseachadh cunnairt.
Comataidh Tuarastail
Tha uallach air a' Chomataidh seo airson a bhith a' cumail thar-shealladh ro-innleachdail air an dà chuid, pàigheadh agus sochairean a' Cheannaird agus an luchd-obrach. Tha ùghdarras tiomnaichte bhon Bhòrd aig a' Chomataidh Ìocaidh a bhith a' coimhead thairis air agus ag aontachadh modhan pàighidh is rangachaidh an luchd-obrach, ath-bhreithneachadh pàighidh bliadhnail agus solaran pàighidh co-cheangailte ri coileanadh, a' gabhail a-steach an òrdachaidh a thaobh a' Cheannaird, a' cur mholaidhean gu Riaghaltas na h-Alba agus chun a' Bhùird airson aonta fhoirmeil. Ann a bhith a' dèanamh sin, bidh a' Chomataidh a' dèanamh cinnteach gum bi am pròiseas cunbhalach agus fosgarra, ruigsinneach agus a' co-fhreagradh air an Treòrachadh Poileasaidh Pàighidh buntainneach aig Riaghaltas na h-Alba.
Comataidh Cleachdadh Cànain
Tha uallach air a' Chomataidh seo airson a bhith a' deasachadh, a' buileachadh agus a' cumail sùil air clàr nam Planaichean Gàidhlig do Bhuidhnean Poblach, mar a tha air àithneadh fon Achd, agus airson a bhith a' measadh, a' luachadh agus a' cur mholaidhean chun a' Bhùird mu aontachadh phlanaichean, mus cuirear a-steach iad gu na Ministearan. Bidh a' Chomataidh seo a' buileachadh ar Ro-Innleachd Rannsachaidh, ag aontachadh prìomhachasan rannsachaidh is choimiseanan, a' beachdachadh air buaidhean nan toraidhean rannsachaidh Gàidhlig agus a' coimhead thairis air buileachadh agus sgaoileadh nam prìomh mholaidhean rannsachaidh, a thuilleadh air a bhith a' gabhail thar-shealladh air deasachadh is buileachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Ginealach Ùr na Gàidhlig.
Ann an 2011/12, bidh sinn a' stèidheachadh nan comataidhean agus nam buidhnean obrach a leanas:
- Comataidh Foghlaim
Bidh a' chomataidh seo a' cur taic ri agus a' comhairleachadh na Sgioba Foghlaim mu chùisean ro-innleachdail co-cheangailte ri foghlam is ionnsachadh. - Buidheann Obrach a' Phlana Nàiseanta
'S e buidheann obrach ùr a tha seo a bhios air a stèidheachadh ann an 2011/12 gus taic agus comhairle a chumail ris an Àrd-Sgioba Stiùiridh anns an deasachadh aca air Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig.
Àrd-sgioba Stiùiridh
Tha an Àrd-Sgioba Stiùiridh dealasach a thaobh àrd-inbhean ann an riaghladh corporra agus thathar a' strì ris a' cheannas cheart a sholarachadh, còmhla ri thar-shealladh ro-innleachdail agus smachd air àrainneachd gus prìomh amasan a' Bhùird a liubhairt.
Bidh an Àrd-Sgioba Stiùiridh a' coinneachadh gach ceala-deug gus stiùireadh a sholarachadh air liubhairt:
- Poileasaidh
Coileanadh soirbheachail air cinn-uidhe agus gnìomhachadh ro-innleachd, a' leantainn air aonta bhon Bhòrd - Ionmhas
Sùil a chumail air teach a-steach agus cosgaisean airson deanamh cinnteach de èifeachd ionmhas a Bhùird. - Tabhartasan Beaga
Sgrùdadh thairis air buileachadh sgeamaichean nan tabhartasan beaga, a tha air an cur an gnìomh leis a' bhuidheann. - Gnothaich a' Bhùird
Fiosrachadh a chumail ris a' Chathraiche mu na nithean cudromach uile agus sgiobaidhean a stiùireadh ann an gnothaichean làitheil a' Bhùird, a' dèanamh cinnteach à stèidheachadh èifeachdach air co-dhùnaidhean a' Bhùird. - Làimhseachadh Cunnairt agus Smachdan
A' làimhseachadh clàr cunnairt a' Bhùird agus a' dèanamh cinnteach gu bheil in-smachdan iomchaidh nan àite, a' gabhail a-steach coileanadh slàinte is sàbhailteachd na buidhne ann an co-rèir ri meud agus na seòrsaichean cunnairt a tha air an comharrachadh freagarrach leis a' Bhòrd. - Measadh Chothroman
Comharrachadh chothroman ùra airson solarachadh amasan a Bhùird. - Molaidhean Sgrùdaidh
Dèiligeadh le laigsean anns an t-siostam in-smachd a chaidh a chomharrachadh tro na pròiseasan sgrùdaidh cunbhalach, agus a' cur phlanaichean nan àite airson an neartachadh gus am bi gnìomhan leasachaidh sam bith air an crìochnachadh. - Stiùireadh Coileanaidh
Ath-bhreithneachadh cunbhalach air coileanadh obrachail agus stiùireadh ro-innleachdail air gnothaich a' Bhùird. - Plana Conaltraidh
A' dèanamh cinnteach à conaltradh èifeachdach le prìomh luchd-earrannan agus a' solarachadh dòigh a thaobh follaiseachadh amail agus ceart air fiosrachadh.
Luchd-obrach
Tha sinn a' leantainn air adhart a' cur luach àrd air ar prìomh ghoireas dheatamach - ar luchd-obrach. Tha sinn a' leantainn air adhart ann an eisimeil an sgilean speisealaichte, an dealas agus an dìoghras a thaobh an cuid obrach, a tha a' ceadachadh dhuinn adhartas a dhèanamh a dh'ionnsaigh ar cinn-uidhe a choileanadh. Tha sinn ag obrachadh gu làithreach le sgioba co-ionnan ri 25 luchd-obrach làn-ùine.
Tha structar luchd-obrach a' Bhùird ag obrachadh fo thrì phrìomh roinnean corporra, a' dèanamh cinnteach gu bheil an òrdachadh riaghlaidh is smachd ag obair gu h-èifeachdach agus gu bheil cothroman airson leasachadh leantainneach agus liubhairt nas èifeachdaiche air an comharrachadh agus air an cur an gnìomh.
- Seirbheisean Ionmhais & Corporra
Tha uallach air an sgioba seo airson riaghladh corporra, ionmhas, conaltradh, stiùireadh ghoireasan daonna, stiùireadh coileanaidh, dearbhachd deagh-ghnè agus aithriseachd sgioba-stiùiridh agus cùisean corporra. Bidh uallaichean is dleastanasan luchd-obrach a' gabhail a-steach ceanglaichean le Riaghaltas na h-Alba, solarachadh a' Bhùird le taic clèireachais, stiùireadh ionmhais is oifis, cùisean corporra agus a' dèanamh sgrùdadh air buileachadh a' Phlana Chorporra agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig. - Foghlam agus Ionnsachadh
Tha uallach air an sgioba seo airson a bhith a' stiùireadh buileachadh air Ro-Innleachd Foghlaim Gàidhlig Nàiseanta agus Ro-Innleachd Trusaidh Luchd-teagaisg Gàidhlig. Tha an dleastanasan a' gabhail a-steach taic clèireachais do Bhuidheann Stiùiridh Foghlam Gàidhlig Nàiseanta, co-cheangal le Riaghaltas na h-Alba, a' gabhail a-steach tairgsinn comhairle a thaobh rianachd nan Tabhartasan Sònraichte Gàidhlig agus ullachadh poileasaidh is stiùireadh foghlaim. - Cleachdadh na Gàidhlig
Tha uallach air an sgioba seo airson a bhith a' cumail suas cheanglaichean dlùth le co-mhaoinearan, com-pàirtichean liubhairt, com-pàirtichean coimhearsnachd agus buidhnean cultarach. Bidh iad cuideachd a' cumail ceangal ri buidhnean Gàidhlig agus feadhainn eile a tha an sàs ann an ealain, turasachd, cur-seachdan, dualchas agus leasachadh coimhearsnachd. Tha an sgioba a' dèiligeadh le iarrtasan maoineachaidh pròiseact, a' stèidheachadh slatan-tomhais maoineachaidh agus a' luachadh buileachadh nam pròiseactan a tha maoinichte. Tha an sgioba cuideachd a' stiùireadh pròiseas planaidh cànain nan ùghdarrasan poblach agus prògram rannsachaidh is leasachadh corporra a' Bhùird. Tha uallaichean luchd-obrach a' gabhail a-steach co-cheangal le ùghdarrasan poblach agus a' breithneachadh 's a' luachadh Phlanaichean Gàidhlig, agus a' deasachadh 's a' sgaoileadh fiosrachadh staitistigeach.
