Riaghladh - mar a tha am Bòrd maoinichte agus sgrùdaichte
Maoineachadh
Tha am maoineachadh againn a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba tro Thabhartas-gus-Cuideachadh fo pharagraf 12 de Phàipear-taice 1 ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha an solar maoineachaidh air a shuidheachadh tro litir riarachaidh air tabhartas-gus-cuideachadh bho Mhinistearan na h-Alba.
'S e £5.175 millean an riarachadh maoin againn airson 2012/13. Tha seo a' gabhail a-steach riarachadh tabhartas-gus-cuideachadh de £5.100 millean; riarachadh de £50 mìle bhon Bhuidheann-stiùiridh Ionnsachaidh aig Riaghaltas na h-Alba gus dreuchd an Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg a mhaoineachadh airson 2011-12; agus £25 mìle a' tighinn bho Alba Chruthachail airson Oifigear Ealain Ghàdhlig.
Stiùireadh agus Smachd
Mar bhuidheann gnìomha phoblach neo-roinneil, feumaidh sinn ar goireasan a chleachdadh gu h-èifeachdach agus gu gnothaicheil. Tha sinn ag ullachadh buidseat bliadhnail a tha a' co-thaobhadh nan amasan agus nan cinn-uidhe chorporra a tha sa phlana chorporra seo, ris na goireasan ionmhasail a tha rim faotainn. Tha sinn gu cunbhalach a' sgrùdadh coileanadh dhleastanasan mu choinneamh a' bhuidseit tron bhliadhna agus ag aithris an t-suidheachaidh don Chomataidh Sgrùdaidh agus don Bhòrd-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig. A thuilleadh air an sin, tha aithisgean sgrùdadh buidseit agus ro-aithrisean sruth-airgid air an solarachadh don Roinn Urrasachd air bunait mhìosail.
Bidh sinn a' toirt cunntas air ar toraidhean coileanaidh ann an cleachdadh nan goireasan a tha air an riarachadh dhuinn tro bhith a' foillseachadh Aithisg agus Cunntasan Bliadhnail. Tha na cunntasan sin a' tighinn fo sgrùdadh neo-eisimeileach le ar sgrùdairean, Sgrùdadh Alba. A thuilleadh air an sin, tha siostaman agus modhan obrachaidh na buidhne a' tighinn fo in-sgrùdadh neo-eisimeileach leantainneach le TìrÀrd MacKenzie gus dearbhachd neo-eisimeileach a thoirt don Cheannard air èifeachdas in-smachdan a' Bhùird.
