Aithisgean rannsachaidh a bhios a' fiosrachadh co-dhùnaidhean poileasaidh
'S ann air leth cudromach a tha rannsachadh dhan Ghàidhlig, agus a bharrachd air a bhith a' toirt taic do rannsachadh, tha Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh feum de thòrr rannsachaidh a tha daoine eile air a dhèanamh.
Tha rannsachadh a' sealltainn suidheachadh na Gàidhlig agus dè bu chòir a dhèanamh chum maith a' chànain agus tha e a' dearbhadh luach a' chànain. Cuideachd tha e air leth cudromach gun tèid rannsachadh a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus chan ann dìreach mun Ghàidhlig.
Tha rannsachadh air mion-chànanan eile cudromach do dh'obair Bòrd na Gàidhlig agus bidh sinn bho àm gu àm a' dol an sàs ann an rannsachadh ann an co-bhuinn ri buidhnean-cànain bho dhùthchannan eile. A bharrachd air daoine fa leth, tha buidhnean-rannsachaidh ann agus co-labhairtean bliadhnail mar Rannsachadh na Gàidhlig. Tha na h-oilthighean agus colaistean a' brosnachadh rannsachadh air tòrr chuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig, gu seachd àraidh le taic a' Bhùird tron lìonra Soillse, agus tha na buidhnean Gàidhlig fhèin a' toirt taic do rannsachaidhean feumail.
Gheibhear aithisgean airson rannsachadh a tha a-nis air am foillseachadh gu h-ìosal. Air ùrachadh 27 Giblean 2011.
Leig a-nuas
Clar Rannsachaidh Oilthigh Dùn Èideann Mart 2011 - Beurla
Clar Rannsachaidh Oilthigh Dùn Èideann Mart 2011 - le notaichean
Measadh air Proiseactan Bòrd na Gàidhlig 2009 - Beurla
Teicneolas Leasachadh Corpais 2009 - Beurla
Aithisg: Gaidhlig do Inbhich 2010
Bileag air Coileanadh FtG 2010 - Gaidhlig agus Beurla
Taghadh agus Coileanadh FtG 2010 - Beurla
Taghadh agus Coileanadh FtG 2010 - Gearr-iomradh Gaidhlig
Plana/Stiùireadh - Comhairle Coimhearsnachd Cheann na Creige & a Cheàrnaidh
