Buill a' Bhùird

Anns a' chumantas bidh buill air a' Bhòrd rè trì bliadhna agus às dèidh sin tha taghadh eile ann airson Bòrd ùr far am faod buill a th' air a' Bhòrd mu thràth iad fhèin a chur air adhart a-rithist. Thèid am Bòrd a thaghadh a rèir nam molaidhean aig Comataidh Nolan.

Ealasaid Nic an t-Saoir (Cathraiche Eadar-amail)

Chaidh Ealasaid (Betty) Nic an t-Saoir a togail air Eilean Bharraigh. Leig i dhith a dreuchd mar bhall air Bòrd-stiùiridh Colaisde a’ Chaisteil sa Ghiblean 2010 an dèidh ochd bliadhna a fhrithealadh air a’ Bhòrd, leis na dhà mu dheireadh mar Chathraiche. Bha i cuideachd a’ riochdachadh na Colaisde mar riaghladair air Bòrd-stiùiridh Institiùd nam Mìle Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Roimhe sin, bha i a’ frithealadh Bòrd-stiùiridh NHS nan Eilean Siar airson 10 bliadhna, le pàirt den ùine sin mar Chathraiche. Tha i a’ toirt fiosrachadh agus eòlas luachmhor mu planadh ro-innleachdail agus leasachadh riaghlaidh chun a’ Bhùird.

Clar Uidhean

Iain Caimbeul (Iar-Chathraiche)

Tha Iain Caimbeul à Uibhist a Deas. ’S e an Àrd-Mhanaidsear Pròiseict aig Soillse, pròiseact rannsachaidh seachd-bliadhna de luach £5.29 millean a tha a’ cuimseachadh air poileasaidh poblach co-cheangailte ri cumail suas agus ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a cultar, ann an co-bhonn ri Institiùd nam Mìle Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu. Tha mòran eòlais aige mar àrd-mhanaidsear agus mar rannsaiche le Ceuman Maighstireach ann an Eaconomachd Roinneil, Rianachd Gnothachais agus Leasachadh Dùthchail a thuilleadh air BSc le Urram ann an Goireasan Dùthchail. Tha eòlas ann an doimhneachd aige air ath-bheothachadh agus modhan-obrachaidh cànan na Gàidhlig.

Clar Uidhean

Coinneach MacNeacail 

Tha Coinneach MacNeacail fileanta sa Ghàidhlig agus chaidh a thogail ann an Rànais an Eilean Leòdhais. Le ceum bho UHI (Aonad Leòdhais) ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig, fhuair e PGDE ann an foghlam bùn-sgoil aig Oilthigh Srath Chluaidh. Thoisich e a’ teagasg an Eilean Thiriodh ann an 2009 agus seo far a bheil e fhathast. Bho aois thràth, bha Coinneach an sàs ann an fèisean ceòl ionadail, Mòdan ionadail agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail. ’S e seinneadair ainmeil a th’ann, a’ seinn air feadh Alba agus an iomadach àite eile.  Bheir e dealas airson Gàidhlig, agus foghlam Gàidhlig gu sònraichte chun a’ Bhùird,  a bharrachd air dìoghrasachd a sgilean a chleachdadh ann an dòighean practaigeach.

Cairistìona Allon

Tha Cairistìona Allon à Leòdhas fileanta 'sa Ghàidhlig. An-dèidh 30 bliadhna a' lìbhrigeadh, a' riaghladh agus a' stiùireadh seirbhisean dhan phoblach, leig i seachad a dreuchd mar Cheannard air Dreuchdan Alba air an taobh a-deas na h-Alba ann an 2007. Thoisich Cairistìona 'na Ball aig Bòrd na Gàidhlig ann an 2008 agus tha i cuideachd 'na Stiuiriche neo Ghnìomhail aig Riaghaltas na h-Alba.

Clar Uidhean

Coinneach MacFhionghuin

Tha Coinneach MacFhionnghuinn air dà phrìomh pàipearan rannsachaidh dheug a ghabhail os làimh bho thràth anns na seachadan air choimearsnachd Ghàidhlig na h-Alba, gu h-ionadail agus gu nàiseanta (a-mhàin air pàipear air luchd-labhairt Ghàidhlig ann an Alba Nuadh).  Tha e air iomadh pàipearan rannsachaidh a’ stiùireadh air choimhearsnachdan mion-chànain eile, agus tha e air mòran mhion-sgrùdaidhean àireamhan is aois a ghabhail os làimh air luchd-labhairt na Gàidhlig thairis air cunntasan-sluaigh a chionn ghoirid.  An-dràst tha e ag obair aig Oilthighean Obar Dheathainn agus Hertfordshire, agus ’s e òraidiche pàirtiche aig an Oilthigh Fosgailte ann an Sgrùdadh Saidheansan Shòisealta, Foghlam agus Cànan.  Tha e air a bhith mar bhall de Bhuidhean Chomhairleachaidh Mhinistreil air Ghàidhlig agus mar bhall agus comhairliche gu Bòrd na Gàidhlig.  Cuideachd, tha e air comhairleachadh a thoirt gu Comunn na Gàidhlig mur thràth, agus o chionn ghoirid gu Pròiseact Planna Cànan na h-Eileanan an Iar

Clar Uidhean

Murchadh MacIllFhinnein

Bha Murchadh MacIllFhinnein an Cathraiche thairis air com-pàirteachas Gnìomhachas Fhoghlam na h-Eileanan an Iar bho 1988-1998.  Bha e na Cathraiche agus mar bhall de Tighean Innse Gall, am buidhean taighean airson na h-Eileanan an Iar, bho 1990-1998.   ’S e Iar-Charaiche agus Stiùiriche air Bòrd Slàinte na h-Eileanan an Iar bho 1993-1998 agus mar Àrd-Oifigear bho 1998-2003 cuid dhe na dreuchdan phoblach a tha air a bhith aige.   Airson trì bhliadhnaichean bha e mar bhall de Mhaoin Tir Albannach bho 2000.  An-dràst tha e na Stiùiriche de Croitearan Leòdhais Earranta, Riaghladair de Chollaiste Diadhachdail a’ Ghàidhealtachd, Urrasair de Ionad-Churram agus Taigh-Eiridinn Bethesda, mar bhall de Comataidh Agartasan Luachadh a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan (Na h-Eileanan an Iar) agus mar bhall de an Stèidheachd Croitearachd Albannach.

Clar Uidhean

Shona NicIllFhinnein

’S ann à Drochaid an Aonachain a tha Shona NicIllFhinnein agus tha i a-nis a’ fuireach ann an Cinn Tàile. Dh’ionnsaich i  a’ Ghàidhlig mar inbheach, a’ tòiseachadh an uair a bha i  aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha gnothachas co-chomhairleachaidh aice fhèin, ag obair còmhla ri iomadh buidheann poblach, prìobhaideach agus buidhnean anns a’ coimhearsnachd. O chionn ghoirid bha i  air bòrd MG Alba agus ron  sin bha   i  na stiùriche neo-ghnìomha de Phuirt-adhair na  Gàidhealtachd’s nan Eilean Earranta, Grampian TV agus UHI Earranta. Tha i  air a bhith an sàs ann an iomadh iomairt Gàidhlig, ag obair airson Comunn na Gàidhlig nam  measg. Bheir Shona eòlas farsaing a thaobh riaghlaidh agus planaichean ro-innleachdail chun a’ Bhùird a bharrachd air tuigse air  leasachaidhean anns a’ choimhearsnachd.

Coll Dòmhnallach

Tha Coll Dòmhnallach fileanta sa Ghàidhlig agus chaidh a thogail anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh e tro fhoghlam Gàidhlig mus deach e gu Oilthigh Obar Dheathain airson ceum an cunntasachd . Tha e a-nis mar neach-cunntais cùmhnantaichte agus tha e na bhall air Institiud Luchd-cunntasachd na h-Alba. An dràsta tha e ag obair airson buidheann cunntasachd ann an Inbhir Nis. Tro na bliadhnaichean tha Coll air a bhith an sàs ann an gnòthaichean Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd agus bha e cuideachd a’ teagasg na fidhle aig Fèisean air feadh na dùthcha. Tha e a’ toirt dealas airson leasachaidhean cànain, deagh eòlas air  cùisean foghlam agus tuigse ionmhais chun a’ Bhùird.

Iain MacLeòid

Tha Iain MacLeòid à Eilean Leòdhais, ach tha e air a bhith a’ còmhnaidh ann an Dùn Èideann bho 1970. An dèidh dha a dhreuchd air a’ phoileas a leigeil dheth san Dùbhlachd 2000, thàinig e gu bhith nas gnìomhaiche an lùib na Gàidhlig, agus ann an leasachaidhean foghlaim agus cultair gu h-ionadail agus gu nàiseanta, a’ leantainn air adhart gu bhith na Neach-gairm air Comann nam Pàrant (Nàiseanta), na bhall de Bhòrd-stiùiridh Chomunn na Gàidhlig, agus sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, mar Cheann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Tha e air sgilean eadar-theangachaidh èifeachdach sgrìobhte agus labhairteach a leasachadh agus tha e air a bhith gnìomhach ann an cur taic ri diofar leasachaidhean Gàidhlig ann an coimhearsnachd Dhùn Èideann. Tha e a’ toirt leis sgilean èifeachdach ceannardais, ro-innleachd agus co-dhùnaidh chun a’ Bhùird, a thuilleadh air fiosrachadh earbsach mu fheumalachdan coimhearsnachd. 

Clar Uidhean

June Ghreumach

Boinidh  June Ghreumach do Ghlaschu bho thùs le teaghlach anns an Eilean Sgitheanach. Tha PhD aice ann an Eòlas Sìde agus tro na bliadhnaichean tha i air a bhith an sàs ann am pròiseactan àrainneachd às leth  Riaghaltas Chanada agus Oilthigh Bern anns an Eilbheis. Bho 2009, tha i air a bhith a’ fuireach ann an Leòdhas còmhla  ris an duine aice agus triùir chloinne – a tha an dràsta ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Chuidich June buidheann phàrant agus pàiste a bhathas a’  stèidheachadh ann an Steòrnabhagh. Tha i a’ toirt eòlas cànain eadar-nàiseanta,  dealas airson foghlam Gàidhlig agus smuaintean  chruthachail chun a’ Bhùird.