Buill a' Bhùird
Anns a’ chumantas bidh buill air a’ Bhòrd rè trì bliadhna agus às dèidh sin tha taghadh eile ann airson Bòrd ùr far am faod buill a th’ air a’ Bhòrd mu thràth iad fhèin a chur air adhart a-rithist. Thèid am Bòrd a thaghadh a rèir nam molaidhean aig Comataidh Nolan.
Iain Caimbeul (Cathraiche)
’S ann à Uibhist a Deas a tha Iain Caimbeul. Tha e na Àrd-Mhanaidsear Pròiseict aig Soillse, pròiseact rannsachaidh seachd-bliadhna a fhuair maoineachadh luach £5.29m a tha a’ coimhead air poileasaidhean poblach co-cheangailte ri gleidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a cultar. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Oilthigh Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu an sàs sa phròiseact. Tha mòran eòlais aige mar àrd-mhanaidsear agus mar rannsaiche le Ceuman Maighstireach ann an Eaconamachd Roinneil, Rianachd Gnothachais agus Leasachadh Dùthchail a thuilleadh air BSc le Urram ann an Goireasan Dùthchail. Tha eòlas domhainn aige air ath-bheothachadh na Gàidhlig agus an obair co-cheangailte ri sin.
Ealasaid Nic an t-Saoir
Chaidh Ealasaid (Betty) Nic an t-Saoir a thogail ann am Barraigh. Leig i dhith a dreuchd mar bhall de Bhòrd Stiùiridh Colaiste a’ Chaisteil sa Ghiblean 2010 an dèidh ochd bliadhna air a’ Bhòrd sin, agus na dhà mu dheireadh bha i na Cathraiche. Bha i cuideachd a’ riochdachadh na Colaiste mar riaghladair air Bòrd Stiùiridh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean OGE. Ron sin, bha i air Bòrd Stiùiridh NHS nan Eilean Siar airson 10 bliadhna, le pàirt den ùine sin mar Chathraiche. Tha i tighinn chun a’ Bhùird le eòlas luachmhor mu phlanadh ro-innleachdail agus leasachadh riaghlaidh.
Cairistìona Allon
Tha Cairistìona Allon à Leòdhas agus tha i fileanta sa Ghàidhlig. Tha i air ceumnachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann, Napier agus Robert Gordon agus tha i ball den RSA. Tha i air 30 bliadhna a chur seachad ag obair don mhòr-shluagh, agus a’ mhòr-chuid den ùine sin mar Comhairliche Dhreuchdail air a’ Ghàidhealtachd agus mar Àrd-oifigear aig buidhnean comhairleachaidh dreuchdail ann an Roinn a’ Mhonaidh. Chaidh a fastadh ann an 2001 gus buidhnean nàiseanta ùr a stèidheachadh agus a ruith a thug còmhla dleastanasan agus luchd-obrach bho còrr is 60 seirbheisean dreuchdail, com-pàirteachasan ionnsachaidh gnothachais, lìonraidhean comhairleachaidh inbheach agus com-pàirteachasan foghlaim fad-beatha a bha gu obair gu h-ionadail. Chaidh moladh a dhèanamh air Dreuchdan na h-Alba leis an OECD mar aon de na h-eisimpleirean as fheàrr gu h-eadar-nàiseanta a thaobh comhairleachaidh. Tha a’ Bh-uas Allon air a dreuchd a leigeil dhith o chionn ghoirid mar Stiùiriche Dreuchdan na h-Alba.
Coinneach MacFhionghuin
Tha Coinneach MacFhionghuin air dà sgrùdadh dheug cudromach a dhèanamh air coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Alba o thoiseach nan seachdadan, aig ìre ionadail agus nàiseanta (a thuilleadh air rannsachadh a rinn e air luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba Nuadh). Tha e air a bhith air ceann iomadh sgrùdadh air coimhearsnachdan mion-chànain eile, agus tha e air tòrr mion-sgrùdaidhean deamografach a dhèanamh air luchd-labhairt na Gàidhlig sna cunntasan-sluaigh a rinneadh o chionn ghoirid. Tha e an-dràsta na Phroifeasair do dh’Oilthigh Obar Dheathain agus Hertfordshire, agus tha e na òraidiche com-pàirteach aig an Oilthigh Fhosgailte ann an Saidheansan Sòisealta, Eòlas Foghlaim is Cànain. Bha e na bhall de Bhuidheann Chomhairleachaidh na Gàidhlig do Mhinistearan agus tha e air a bhith na bhall de Bhòrd na Gàidhlig agus na neach-comhairleachaidh dhuinn. The e cuideachd air a bhith na neach-comhairleachaidh do Chomunn na Gàidhlig, agus bha e cuideachd a’ toirt comhairle don Phròiseact airson Plana Cànain nan Eilean Siar.
Murchadh MacIllFhinnein
Bha Murchadh MacIllFhinnein na Chathraiche air Com-pàirteachas Gnìomhachas is Foghlaim nan Eilean Siar bho 1988-1998. Bha e na Cathraiche agus na bhall airson Taighean Innse Gall, a’ bhuidheann taigheadais airson nan Eilean Siar, bho 1990-1998.
Am measg nan dreuchdan poblach a tha air a bhith aige, bha e na Iar Chathraiche agus na Stiùiriche neo-ghnìomhach air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar bho 1993-1998 agus na Àrd-Oifigear bho 1998-2003. Bho 2000 agus airson trì bliadhna, bha e na bhall de Stòras Fearainn na h-Alba, agus bha e na Riaghladair aig Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd. Bho 2006-2012 bha e na Choimiseanair le Coimisean nan Croitearan às dèidh dha a bhith air a thaghadh le Ministearan, agus chaidh a thaghadh mar Choimiseanair nan Eilean Siar airson Coimisean na Croitearachd sa Ghiblean 2012. Tha e cuideachd na na Stiùiriche aig Croitearan Leòdhais Earranta, na Stiùiriche aig Ionad-Cùraim agus Taigh-Eiridinn Bethesda, na bhall de Chomataidh Ath-thagraidhean na Gàidhealtachd is nan Eilean a thaobh Luachaidhean (Na h-Eileanan Siar) agus na bhall de Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.
Shona NicIllFhinnein
’S ann à Drochaid an Aonachain a tha Shona NicIllFhinnein agus tha i a-nis a’ fuireach ann an Cinn Tàile. Dh’ionnsaich i a’ Ghàidhlig mar inbheach, a’ tòiseachadh nuair a bha i aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha gnothachas co-chomhairleachaidh aice fhèin, agus i ag obair còmhla ri iomadh buidheann phoblach, phrìobhaideach agus coimhearsnachd. Bha i air Bòrd Stiùiridh MG ALBA o chionn ghoirid agus ron sin bha i na stiùiriche neo-ghnìomhach airson Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta, Grampian TV agus UHI Earranta. Tha i air a bhith an sàs ann an iomadh iomairt Gàidhlig, agus mar phàirt den obair sin bha i ag obair do Chomunn na Gàidhlig. Tha Shona a’ tighinn thugainn le eòlas farsaing a thaobh riaghlaidh agus planadh ro-innleachdail, agus tha tuigse aice air leasachaidhean coimhearsnachd.
Coll Dòmhnallach
Tha Coll Dòmhnallach fileanta sa Ghàidhlig agus chaidh a thogail anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh e tro fhoghlam Gàidhlig mus deach e gu Oilthigh Obar Dheathain airson ceum an cunntasachd. Tha e a-nis na neach-cunntais cùmhnantaichte agus tha e na bhall de Institiud Luchd-cunntasachd Cùmhnantaichte na h-Alba. An dràsta tha e ag obair airson buidheann cunntasachd ann an Inbhir Nis. Tro na bliadhnaichean tha Coll air a bhith an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd agus tha e cuideachd air an fhidheall a theagasg aig Fèisean air feadh na dùthcha. Tha Coll a’ tighinn gu Bòrd na Gàidhlig le dealas airson leasachaidhean cànain, deagh eòlas air cùisean co-cheangailte ri foghlam agus tuigse is eòlas air ionmhas.
Iain MacLeòid
Tha Iain MacLeòid à Eilean Leòdhais, ach tha e air a bhith a’ còmhnaidh ann an Dùn Èideann bho 1970. An dèidh dha a dhreuchd air a’ phoileas a leigeil dheth san Dùbhlachd 2000, chaidh e an sàs ann am barrachd ghnothaichean a thaobh na Gàidhlig, agus e a’ dol an sàs ann an leasachaidhean foghlaim agus cultair gu h-ionadail agus gu nàiseanta. An lùib sin bha e na Neach-gairm air Comann nam Pàrant (Nàiseanta), na bhall de Bhòrd-stiùiridh Chomunn na Gàidhlig, agus sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha e air a bhith na Cheann-suidhe aig a’ Chomunn Ghàidhealach. Tha e deagh sgilean eadar-theangachaidh/eadar-theangachadh mar-aon aige agus tha e air a bhith gnìomhach ann a bhith cur taic ri diofar leasachaidhean Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Tha e tighinn thugainn le sgilean ceannais buadhach, deagh chomasan is sealladh ro-innleachdail a thaobh cho-dhùnaidhean agus eòlas math air feumalachdan choimhearsnachdean.
Coinneach MacNeacail
Tha Coinneach MacNeacail fileanta sa Ghàidhlig agus chaidh a thogail ann an Rànais ann an Eilean Leòdhais. Le ceum bho UHI (Àrainn Leòdhais) ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig, fhuair e PGDE ann an foghlam bun-sgoile aig Oilthigh Srath Chluaidh. Thoisich e a’ teagasg ann an Eilean Thiriodh ann an 2009 agus tha e an sin fhathast. Bho aois òg, bha Coinneach an sàs ann am fèisean ciùil ionadail, Mòdan ionadail agus sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail. ’S e seinneadair ainmeil a th’ann, agus e a’ seinn air feadh Alba agus ann an iomadach ceàrnaidh eile. Tha Coinneach a’ tighinn chun a’ Bhùird le dealas airson na Gàidhlig agus ùidh mhòr ann am foghlam Gàidhlig agus tha e ro dheònach a sgilean a chur gu feum ann an dòighean pragtaigeach.
June Ghreumach
Buinidh June Ghreumach do Ghlaschu bho thùs agus ceangal na teaghlach ris an Eilean Sgitheanach. Tha PhD aice ann an Eòlas-sìde agus thar nam bliadhnaichean tha i air a bhith an sàs ann am pròiseactan mu atharrachadh na sìde ag obair do Riaghaltas Chanada agus Oilthigh Bern san Eilbheis. Bho 2009, tha i air a bhith a’ fuireach ann an Leòdhas còmhla ris an duine aice agus an triùir chloinne – a tha an-dràsta ann am foghlam tron Ghàidhlig. Chuidich June le bhith stèidheachadh buidheann ‘pàrant is pàiste’ ann an Steòrnabhagh. Tha i tighinn thugainn le eòlas air suidheachaidhean cànain gu h-eadar-nàiseanta, dealas airson foghlam Gàidhlig agus beachdan lèirsinneach a thaobh obair a’ Bhùird.
