Gabh an Cothrom

Cothroman Cosnaidh 

 

Chan eil cail ann an-dràsta.

......................................................................................................................................................................

Gabh an Cothrom air Obair sa Ghàidhlig

Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na chuideachadh, an dà chuid san roinn phoblach agus san roinn phrìobhaideach. Am measg nan cothroman a nochdas bho àm gu àm, tha iad seo: bidh cuid de na h-ùghdarrasan ionadail a' sireadh dhaoine aig a bheil Gàidhlig airson obraichean sònraichte, bidh tidsearan le Gàidhlig a dhìth ann an cuid a sgìrean ann an Alba, bidh luchd-craolaidh gu tric ag iarraidh dhaoine aig a bheil Gàidhlig, agus bidh obraichean Gàidhlig rim faotainn ann am Foghlam Àrd-ìre agus aig na buidhnean Gàidhlig.
Gheibhear fiosrachadh feumail air obraichean Gàidhlig a tha rin sanasachd an-dràsta air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.

Uaireannan tha cothroman obrach ann taobh a-staigh a' Bhùird fhèin. Thèid na dreuchdan bàn sin an sanasachd an seo nuair a nochdas iad.

Gu h-ìosal tha ceanglaichean cuideachd ann ri làraich-lìn fhreagarrach a thaobh obraichean Gàidhlig. 

  • BBC 
  • Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Comhairle na Gàidhealtachd 
  • Comhairle nan Eilean Siar
  • MG Alba
  • Sabhal Mòr Ostaig 
  • ScottishJobs.com