Stiùireadh air fiosrachadh a tha ri fhaotainn tro ar Sgeama Foillseachaidh
Tha Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 (an Achd) ag iarraidh gum bi ùghdarrasan poblach na h-Alba a’ toirt gu buil agus a’ cumail suas sgeama foillseachaidh. Tha ùghdarrasan fo chomain laghail:
- na gnèithean fiosrachaidh a tha ri fhaotainn aca gu cunbhalach, fhoillseachadh;
- innse don phoball mar a gheibhear am fiosrachadh agus na chosgas e.
Tha Bòrd na Gàidhlig air gabhail ri Sgeama Foillseachaidh Modail 2011 a thugadh gu buil le Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Chuir e aonta ris an sgeama seo gu 31 Cèitean 2015.
’S e adhbhar an Stiùireadh Fiosrachaidh seo:
- cothrom a thoirt don phoball am fiosrachadh a tha ri
- fhaotainn fhaicinn, (agus nach eil ri fhaotainn) a thaobh gach gnè;
- iomradh air na cosgaisean a dh’fhaodadh a bhith na lùib;
- an dòigh as fhasa air fiosrachadh fhaotainn a mhìneachadh;
- fiosrachadh-taic a sholarachadh airson ceistean a fhreagairt agus cuideachadh le ruighinn air an fhiosrachadh; agus
- mìneachadh mar a dh’iarrar fiosrachadh a th’ againn nach deach fhoillseachadh.
Ruigsinneachd agus cruthan
Tha am fiosrachadh a tha sinn a’ foillseachadh tron sgeama modail ri fhaotainn air an làraich-lìn againn, far an gabh sin dèanamh. Tha sinn a’ tairgsinn chothroman eile do dhaoine nach eil airson, no nach eil comasach air an fhiosrachadh fhaotainn air-loidhne no tro sgrùdadh san togalach againn. Mar eisimpleir, ’s urrainn dhuinn gu h-àbhaisteach fiosrachadh a chur thugaibh air pàipear (ged a dh’fhaodadh cosg a bhith an lùib sin – faicibh na cosgaisean gu h-ìosal).
Fiosrachadh neo-bhuailteach
Foillsichidh sinn fiosrachadh a th’ againn a tha a’ freagairt an taobh a-staigh nan gnèithean fiosrachaidh gu h-ìosal. Ma tha fiosrachadh ann an sgrìobhainn sam bith a tha neo-bhuailteach fo laghan saorsa fiosrachaidh na h-Alba (mar eisimpleir, fiosrachadh pearsanta connspaideach no dìomhaireachd malairt), bheir sinn às e no ‘dubhar a-mach’ am fiosrachadh mus fhoillsichear e agus mìnichear carson.
Còraichean foillseachaidh
Far a bheil Bòrd na Gàidhlig a’ gleidheadh nan còraichean foillseachaidh a thaobh an fhiosrachaidh fhoillsichte, faodar am fiosrachadh a leth-bhreacadh no ath-ghineadh gun chead foirmeil:
- ma thèid a leth-bhreacadh no ath-ghineadh gu cruinn ceart;
- mura cleachdar e ann an co-theacsa mheallta; agus
- ma chomharraichear tùs an stòrais.
Far nach eil na còraichean glèidhte aig Bòrd na Gàidhlig ann am fiosrachadh a bhios sinn a’ foillseachadh, nì sinn sin soilleir.
Cosgaisean
Tha an earrann seo a’ mìneachadh mar a bhios sinn a’ cur cosgais mu choinneamh ar foillseachaidhean agus mar a dh’obraichear a-mach cosgais sam bith. Chan eil cosgais sam bith an lùib fiosrachadh a choimhead air an làraich-lìn no san togalach againn.
Dh’fhaodadh gun cuir sinn cosgais air solarachadh fiosrachaidh dhuibh, ach cha chuir sinn cosgais sam bith a bharrachd air na tha e a’ cosg dhuinn fhìn sin a dhèanamh. Innsidh sinn dhuibh an-còmhnaidh na tha e a’ cosg mus solaraich sinn am fiosrachadh dhuibh.
Tha na cosgaisean againn an lùib leth-bhreacadh gach taobh-duilleig air an taisbeanadh sa chlàr gu h-ìosal:
Leth-bhreacadh Dubh is Geal
- A4:10sg gach duilleig
Leth-bhreacadh dathtach
- A4:20sg gach duilleig
Bidh fiosrachadh a thèid a sholarachadh air CD-Rom a’ togail cosgais 50sg airson gach clàr coimpiutair.
Cuirear cosgaisean postachd aig an aon reata ’s a phàigh sinn airson am fiosrachadh a chur thugaibh. ’S ann a tha a’ chosgais an lùib cur air falbh fiosrachaidh tro Chiad Chlas a’ Phuiste Rìoghail.
Nuair a bhios sinn a’ solarachadh leth-bhric de fhoillseachaidhean air an clò-bhualadh ro-làimh, cha bhi a’ chosgais nas àirde na cosgais gach leth-bhreac, a rèir an reata pàighidh den àireamh iomlan.
Chan eil sinn a’ cur cosgaisean sam bith eile oirbh a thaobh an fhiosrachaidh fhoillsichte againn.
Thoiribh an aire nach eil an clàr chosgaisean againn buntainneach do ar foillseachaidhean malairteach (faicibh Clas 8 gu h-ìosal). Tha na nithean sin air an tairgsinn airson an reic tro àiteachan reic leithid bùithtean leabhraichean, làraich-lìn irisean acadaimigeach no bùithtean taighean-tasgaidh, agus tha a’ phrìs a tha iad, a’ nochdadh 'luach margaideach' anns am faod cosgais an toirt gu buil a bhith na lùib.
Cuiribh fios thugainn
Faodaidh sibh fios a chur gun Oifigear Sgeama Foillseachaidh againn airson cuideachadh le gnothaich sam bith co-cheangailte ris an sgeama foillseachaidh seo:
Alasdair MacFhionghuin,
Leasaiche Sheirbheisean Corporra
Bòrd na Gàidhlig,
An Darach,
Fèith nan Clach,
Inbhi Nis.
IV2 7PA
Fòn: 01463 225 454
Facs: 01463 716 217
Post-d: oifis@gaidhlig.org.uk
Bheir sinn comhairle dhuibh cuideachd air mar a dh’iarras sibh fiosrachadh nach eil sinn a’ foillseachadh, no mar a nì sibh gearan ma tha sibh mì-shàsaichte le gnothaich sam bith co-cheangailte ris an sgeama foillseachaidh.
Na gnèithean fiosrachaidh a bhios sinn a’ foillseachadh
Bidh sinn a’ foillseachadh fiosrachadh a tha sinn a’ gleidheadh an taobh a-staigh nan gnèithean a leanas. Aon uair ’s gum foillsich sinn fiosrachadh fo aon seòrsa, leanaidh sinn air adhart ga sholarachadh airson na bliadhna làithreach agus airson na dà bhliadhna ionmhasail roimhe sin.
Far a bheil fiosrachadh air ath-ùrachadh no air a chur às àite, cha bhi ri fhaotainn ach an dreach làithreach. Nam bu mhath leibh tionndaidhean eile fhaicinn a bh’ ann roimhe, faodaidh sibh iarrtas a chur thugainn airson an fhiosrachaidh sin.
Is iad na gnèithean:
- Clas 1: Mu dheidhinn Bòrd na Gàidhlig
- Clas 2: Mar a tha sinn a’ liubhairt ar gnìomhan agus ar seirbheisean
- Clas 3: Mar a bhios Bòrd na Gàidhlig a’ ruighinn cho-dhùnaidhean agus na tha e air a chur roimhe
- Clas 4: Na tha Bòrd na Gàidhlig a’ cosg agus mar a thathar ga chosg
- Clas 5: Mar a tha Bòrd na Gàidhlig a’ stiùireadh a ghoireasan daonna, corporra agus fiosrachaidh
- Clas 6: Mar a tha Bòrd na Gàidhlig a’ faotainn bathar is seirbheisean bho sholaraichean air an taobh a-muigh
- Clas 7: Mar a tha Bòrd na Gàidhlig a’ coileanadh a dhleastanasan
- Clas 8: Ar foillseachaidhean malairteach
