Fon Achd feumar co-chomhairle a mhaireas trì mìosan a chumail nuair a thathar ag ullachadh a' Phlana Nàiseanta. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig beachdan a shireadh bho Phàrlamaid na h-Alba agus dreach dhen Phlana fhoillseachadh an toiseach, agus feumar coimhead air beachdan a gheibhear sa cho-chomhairle phoblach air an dreach seo. An uair sin thèid dreach eile, 's ma dh’fhaodte le atharrachaidhean, mu choinneamh Ministearan na h-Alba agus faodaidh iadsan gabhail ris no faodaidh iad molaidhean a thoirt seachad air an dreach. Nuair a tha aonta ann eadar Bòrd na Gàidhlig is Ministearan na h-Alba, thèid am Plana Nàiseanta fhoillseachadh.