Ministear na Gàidhlig, Peter Peacock/Minister for Gaelic, Peter Peacock

Achd na Gàidhlig

Chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas sa tha air a' Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air a' 1mh An t-Ògmhìos 2005.

Fon Achd, tha Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig gach còig bliadhna, agus tha am Bòrd ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig a dheasachadh agus an toirt gu buil. Tha e an urra ris a' Bhòrd comhairle a thoirt air foghlam Gàidhlig, agus comhairle air cùisean Gàidhlig a thoirt do Mhinistearan na h-Alba.

Tha an Achd a' toirt bun-stèidh oifigeil dhan iomairt gus cànan is dualchas nan Gàidheal a ghleidheadh agus 's e Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhuinn ri daoine is buidhnean eile a tha a' coileanadh dhleastanasan na h-Achd.

Am measg nan dleastanasan sònraichte aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig tha:

  • comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig;
  • Plana Nàiseanta na Gàidhlig a dheasachadh 's a stiùireadh;
  • comhairle a thoirt seachad air cùisean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig ann an Alba;
  • comhairle agus stìureadh a thoirt do bhuidhnean poblach air planaichean Gàidhlig; agus
  • a bhith tomhas mar a choileanar dleastanasan Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan a thaobh na Gàidhlig ann an Alba agus sin innse do Mhinistearan na h-Alba.

Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Fon Achd, tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig a' stiùireadh adhartachadh na Gàidhlig agus a' cur an cèill mar a tha Bòrd na Gàidhlig a' dol a choileanadh cuid de na dleastanasan aige. Feumaidh am Bòrd am Plana ùrachadh a h-uile còig bliadhna co-dhiù, agus feumaidh am Bòrd beachdan dhaoine a shireadh air dreach dhen Phlana agus aonta fhaighinn bho Mhinistearan na h-Alba mus urrainn dha gach Plana Nàiseanta fhoillseachadh.

Planaichean Gàidhlig

'S e aon de na prìomh dhleastanasan eile aig Bòrd na Gàidhlig fon Achd a bhith ag iarraidh air cuid a bhuidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh agus a thoirt gu buil.

Tha grunn riaghailtean san Achd a tha a' mìneachadh mar as urrainn do Bhòrd na Gàidhlig, nuair a tha e freagarrach is reusanta, iarraidh air buidhnean poblach plana Gàidhlig a dhealbh 's a chur an gnìomh. Thathar cuideachd a' mìneachadh mar as urrainn dhan Bhòrd measadh a dhèanamh air ciamar a tha na buidhnean poblach sin a' coileanadh amasan a' phlana Ghàidhlig aca. Agus faodaidh buidhnean poblach no Bòrd na Gàidhlig a dhol gu Ministearan na h-Alba nuair nach b' urrainnear aonta a ruighinn a thaobh ghnothaichean co-cheangailte ri plana Gàidhlig.

Ann am planaichean Gàidhlig, bu chòir mothachadh a bhith air a' Phlana Nàiseanta as ùire, agus na th' ann de dhaoine aig a bheil Gàidhlig a dh'fhaodadh feum a dhèanamh de sheirbheisean na buidhne, fianais a thugadh seachad air cleachdadh na Gàidhlig sa bhuidhinn sin agus comhairle bho na Ministearan no bho Bhòrd na Gàidhlig.