Bòrd na Gàidhlig a’ Foillseachadh Stiùireadh airson Foghlam Gàidhlig

February 1, 2017

Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig an-diugh. Tha an Stiùireadh a’ dèanamh tuilleadh mìneachaidh air na cumhachan Gàidhlig a gheibhear ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, agus airson a’ chiad uair riamh tha e a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir do phàrantan a bhith sùileachadh airson an cuid chloinne ma tha iad ann am foghlam Gàidhlig.

Thathar a’ foillseachadh an Stiùiridh aig àm nuair a tha cumhachdan ùra gan cur an gnìomh a tha a’ neartachadh nan còraichean aig pàrantan a tha airson foghlam tron Ghàidhlig iarraidh airson an cuid chloinne.

A’ cur fàilte air an Stiùireadh Reachdail, thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Mgr Iain Swinney: “Tha mi a’ cur fàilte air an Stiùireadh seo airson Foghlam Gàidhlig a tha air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig. Seo a’ chiad turas riamh a tha Stiùireadh den t-seòrsa seo air a bhith ann airson Foghlam Gàidhlig, a tha a’ cur an cèill dè bu chòir do dh’ùghdarrasan a bhith lìbhrigeadh agus dè bu chòir do phàrantan a bhith sùileachadh airson an cuid chloinne nuair a thig e gu foghlam Gàidhlig. Bidh an Stiùireadh seo glè fheumail don iomairt gus leudachadh a thoirt air foghlam Gàidhlig san ùine air thoiseach agus bu mhath leam a-nis gun cleachdadh gach neach no buidheann le com-pàirt ann am foghlam Gàidhlig an Stiùireadh seo, thoradh ma nì iad sin nithear adhartas math ann a bhith cur foghlam na Gàidhlig air adhart ann an Alba agus ann a bhith toirt taic dha.”

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach: “Tha an Stiùireadh seo airson Foghlam Gàidhlig na chloich-mhìle glè chudromach airson foghlam Gàidhlig. Tha e a’ mìneachadh gu soilleir dè bu chòir do phàrantan is luchd-cùraim a bhith sùileachadh bhon fhoghlam sin agus tha e a’ stèidheachadh gu h-oifigeil dè na dleastanasan a th’ air Ùghdarrasan Ionadail. Tha e cuideachd a’ sealltainn gu soilleir dè bu chòir do dhaoine a bhith sùileachadh bho dhiofar ìrean de dh’fhoghlam Gàidhlig bho na tràth-bhliadhnaichean suas gu ìre na h-àrd-sgoile. Tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor dhol am meud ann an Alba, agus nì an Stiùireadh feum mòr ann a bhith neartachadh na roinne seo. Bha sinn fìor thoilichte leis na freagairtean a fhuair sinn sa cho-chomhairleachadh, agus bu mhath leinn taing a thoirt do na daoine a chuir ùine seachad a’ freagairt nan ceistean air reachdas a tha dha-rìribh cudromach.”

Thuirt an Dr Bill Maxwell, Àrd Neach-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlam aig Foghlam Alba: “Tha e air a bhith na thoileachas do dh’Fhoghlam Alba a bhith ag obair còmhla ri ar luchd-compàirt gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart ann am foghlam na h-Alba. Tha an Stiùireadh reachdail ùr seo a’ togail air fiosrachadh is molaidhean bhon obair sgrùdaidh againn agus bhon sgrìobhainn againn, ‘Comhairle mu Fhoghlam Gàidhlig’.  Tha a h-uile càil a tha sin còmhla na cheum air adhart ann a bhith toirt foghlam sàr-mhath do chloinn is daoine òga ann am Foghlam Gàidhlig. Gus am foghlam sàr-mhath sin a lìbhrigeadh, feumaidh luchd-stiùiridh aig gach ìre ann am foghlam lèirsinn soilleir a nochdadh agus feumaidh àrd-amasan a bhith aca ann a bhith comharrachadh nam prìomhachasan a nì diofar don Ghàidhlig.”

Thuirt Comann nam Pàrant: “Tha taic bho phàrantan is mar a bhios iad ag iomairt airson agus às leth foghlam tron Ghàidhlig riamh air a bhith cudromach. Tha an reachdas seo, air a bheil Comann nam Pàrant a’ cur fàilte, a’ dol a neartachadh guth nam pàrant agus bheir e taic do na nì teaghlaichean às leth an cuid chloinne agus às leth na Gàidhlig. Tha Comann nam Pàrant a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus sinn a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus an urrainn dhaibh modhan-obrach a chur an sàs a leigeas leotha na dleastanasan aca fon Stiùireadh nàiseanta seo a choileanadh, gu h-àraidh a thaobh a bhith cur FtG air adhart agus a’ toirt taic dha aig gach ìre.”

Chaidh an Stiùireadh Reachdail ullachadh le Bòrd na Gàidhlig mar a thathar ag iarraidh fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, agus san Stiùireadh gheibhear tuilleadh mìneachaidh air na cumhachan Gàidhlig san Achd agus stiùireadh air mar a bu chòir do dh’fhoghlam Gàidhlig a bhith air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean ann an Alba.