Taic Freumhan Coimhearsnachd
2012-2013
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean cuir a dh’iarraidh taic-airgid gus cuideachadh pròiseactan a bhios a’ brosnachadh agus a’ meudachadh togail agus cleachdadh na Gàidhlig. Bha iarrtasan gan sireadh bho chionn ghoirid airson pròiseactan a neartaicheas togail agus cleachdadh na Gàidhlig anns na raointean gnìomha a leanas:
Raon Gnìomha 1: AN DACHAIGH
Raon Gnìomha 2: FOGHLAM AGUS IONNSACHADH
Raon Gnìomha 3: COIMHEARSNACHD
Raon Gnìomha 4: EALAIN, MEADHANAN IS DUALCHAS
Tha an ceann-là airson iarrtas ùr a chur a-steach a-nis seachad. Cumaibh sùil air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig airson cothroman eile san àm ri teachd.
