GLAIF (Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig) 2012 - 2013

'S e prìomhachas na sgeama, taic a chumail ri pròiseactan a bhios toirt taic dha buidhnean poblach ann an Alba gus na planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-12, tro bharrachd chothroman airson cleachdadh na Gàidhlig, barrachd cothroman airson togail na Gàidhlig, a’ togail inbhe na Gàidhlig ann an Alba agus cuir ri leasachaidhean corpais na Gàidhlig. 

Tha an sgeama Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2012-13 a nis fosgailte airson tabhartasan ùra.  Bidh an sgeama fosgailte gu 5f Dimàirt 17 Giblean 2012.

Tha Stiùireadh do thagraichean agus am foirm-iarrtais rim faighinn fo ‘Leig a-nuas’ aig bonn na duilleige seo.  Ma tha ceistean sam bith agaibh, no nam b’ fheàrr leibh seo fhaighinn tron phost no air post-dealain, cuiribh fios gu 01463 225454 no glaif@gaidhlig.org.uk

Leig a-nuas


docFoirm Iarrtais (0.16 MB)

You may need an Acrobat reader to read some of the PDF files above, click here to download the reader from Adobe