Sgeama taic do dh' oileanaich
Tha Bòrd na Gàidhlig air a' mhaoin seo a stèidheachadh gus taic a thoirt dhaibhsan a tha ag obair gu làithreach a dh'ionnsaigh dreuchd-beatha ann am Foghlam Gàidhlig.
Cò dh'fhaodas tagradh?
Thèid fàilte a chur air iarrtasan bho gach neach fa leth a tha gu làithreach an sàs ann an ionnsachadh air cùrsaichean teagaisg (ITE) a tha a' leantainn air adhart gu dreuchd-beatha ann an Teagasg tron Ghàidhlig.
Beachdaichidh sinn air iarrtasan bho:
- Oileanaich a tha a' gabhail os làimh PGDE ann am Foghlam Gàidhlig (Bun-sgoil agus Àrd-sgoil – an dà chuid Gàidhlig mar chuspair agus cuspairean tro mheadhan na Gàdhlig)
- Oileanaich anns an dà bhliadhna mu dheireadh de Fo-Cheum ann am Foghlam Gàidhlig (B.Ed; MA Gàidhlig le Foghlam)
Ann an cuid a shuidheachaidhean thèid beachdachadh air tagraidhean bho oileanaich a tha airson cùrsaichean cànain Gàidhlig a dhèanamh (m.e. cùrsaichean goirid no cùrsaichean air astar) mus tèid iad air adhart gu cùrsa ITE. Thathas a' sùileachadh gum bi àite air cùrsa ITE air ghleidheadh aig neach sam bith a chuireas a-staigh airson taic den leithid agus bu chòir fios a chuir dhan t-Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg aig Bòrd na Gàidhlig mus cuirear iarrtas a-steach.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:
Bòrd na Gàidhlig
Darach
Fèith nan Clach
Inbhir Nis
IV2 7PA
Fòn: 01463 225454
Facs: 01463 716217
Post-d: tabhartas@gaidhlig.org.uk
Làrach-lìn: www.gaidhlig.org.uk / www.teagasg.com
