Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh (24/05/2013) a’ foillseachadh sgeama taice bliadhnail do dh’ oileanaich teagaisg agus cothrom ann fhathast do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig cur a-staigh airson cùrsaichean teagaisg a tha a’ tòiseachadh as t-samhradh.
Thèid faclair Gàidhlig ùr fhoillseachadh, mar ghoireas air-loidhne an t-seachdain seo, a tha togail air agus a’ leudachadh a’ bhriathrachais a gheibhear am Faclair na Pàrlamaid, a chaidh fhoillseachadh ann an 2001.
Bidh iomairt sanasachd nàiseanta a mhaireas aon latha deug a’ tòiseachadh air an deireadh-sheachdain seo air STV a bhios a’ brosnachadh dhaoine gu bhith toirt a-mach dreuchd ann an teagasg Gàidhlig.
Tha Bòrd na Gàidhlig ag amas air misneachd às ùr a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ cur barrachd Gàidhlig air an àrd-ùrlar.
Tha Ministearan na h-Alba a’ coimhead ri Cathraiche ùr fhastadh don bhuidheann reachdail Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig.
Tha Bòrd na Gàidhlig air maoineachadh aontachadh mu choinneamh dealbhachaidh cùrsa ùr airson taic a chur ris an iomairt gus an àireamh de luchd-teagaisg a tha a’ teagasg tron Ghàidhlig àrdachadh.
A-raoir aig co-labhairt sònraichte do luchd-teagaisg Gàidhlig san Aghaidh Mhòr, dh’ainmich an Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Sgilean is Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba, fuasgladh air goireasan ùra airson roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig.
Tha Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh an-diugh gu bheil iad a’ gluasad nan oifisean aca bhon àite làithreach ann am Pàirc Gnothachais Fèith nan Clach ann an Inbhir Nis agus ag imrich gu Taigh a’ Ghlinne Mhòir, a choisinn duaisean àrainneachdail agus a tha suidhichte air iomall a’ bhaile.
Bha raon fharsaing de chòrr agus 60 pròiseact soirbheachail ann am faotainn maoineachaidh bhon Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig (GLAIF) 2012 – 2013.
Tha Bòrd na Gàidhlig air an Aithisg Bhliadhnail airson na bliadhna ionmhais 2011/12 a chur fa chomhair na Pàrlamaid agus air a foillseachadh an-diugh, a' togail air raon fharsaing de thaic ionmhasail is gnìomhach do choimhearsnachdan, buidhnean agus daoine fa leth air feadh Alba.
Tha Bòrd na Gàidhlig air com-pàirteachas ùr ainmeachadh le companaidh Albannach a tha ainmeil airson cuirmean-ciùil is tachartasan, gus a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig aig prìomh thachartas ciùil ann an Inbhir Nis air a' mhìos seo.
Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo gu bheil Fàs Mòr, an t-ionad cùram-chloinne ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air gealltanas ùr air maoineachadh £48,000 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air an ath thrì bliadhna gus cur ris an obair a tha iad a' dèanamh a thaobh cùram-chloinne Gàidhlig agus gus togail air an obair sin.
