Bòrd na Gàidhlig - Naidheachdan Ùra
Taic-airgid ri faotainn do dhaoine aig a bheil ùidh ann an teagasg

Tha Bòrd na Gàidhlig an-diugh (24/05/2013) a’ foillseachadh sgeama taice bliadhnail do dh’ oileanaich teagaisg agus cothrom ann fhathast do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig cur a-staigh airson cùrsaichean teagaisg a tha a’ tòiseachadh as t-samhradh.

24 An Cèitean 2013
Faclair Gàidhlig ùr a bheir taic do dh’obair rianachd san roinn phoblaich

Thèid faclair Gàidhlig ùr fhoillseachadh, mar ghoireas air-loidhne an t-seachdain seo, a tha togail air agus a’ leudachadh a’ bhriathrachais a gheibhear am Faclair na Pàrlamaid, a chaidh fhoillseachadh ann an 2001.

13 An Gearran 2013
Iomairt nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig gus tuilleadh thidsearan Gàidhlig a thrusadh

Bidh iomairt sanasachd nàiseanta a mhaireas aon latha deug a’ tòiseachadh air an deireadh-sheachdain seo air STV a bhios a’ brosnachadh dhaoine gu bhith toirt a-mach dreuchd ann an teagasg Gàidhlig.

06 An Dùbhlachd 2012
Leasachadh air Dràma Coimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig ag amas air misneachd às ùr a thoirt do choimhearsnachdan le bhith a’ cur barrachd Gàidhlig air an àrd-ùrlar.

18 An Dàmhair 2012
Bòrd na Gàidhlig a’ Coimhead ri Cathraiche Ùr Fhastadh

Tha Ministearan na h-Alba a’ coimhead ri Cathraiche ùr fhastadh don bhuidheann reachdail Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig.

17 An Dàmhair 2012
Cothroman do Thidsearan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air maoineachadh aontachadh mu choinneamh dealbhachaidh cùrsa ùr airson taic a chur ris an iomairt gus an àireamh de luchd-teagaisg a tha a’ teagasg tron Ghàidhlig àrdachadh.

16 An Dàmhair 2012
Goireasan ùra Gàidhlig dha na tràth-bhliadhnaichean

A-raoir aig co-labhairt sònraichte do luchd-teagaisg Gàidhlig san Aghaidh Mhòr, dh’ainmich an Dr Alasdair Allan, am Ministear airson Sgilean is Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba, fuasgladh air goireasan ùra airson roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig.

03 An Dàmhair 2012
Co-roinneadh àite-còmhnaidh gu bhith a’ sàbhaladh airgid do Bhuidhnean Poblach

Tha Bòrd na Gàidhlig air ainmeachadh an-diugh gu bheil iad a’ gluasad nan oifisean aca bhon àite làithreach ann am Pàirc Gnothachais Fèith nan Clach ann an Inbhir Nis agus ag imrich gu Taigh a’ Ghlinne Mhòir, a choisinn duaisean àrainneachdail agus a tha suidhichte air iomall a’ bhaile.

19 An t-Sultain 2012
Bòrd na Gàidhlig ag ainmeachadh maoineachaidh do 64 pròiseact gus togail is cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh

Bha raon fharsaing de chòrr agus 60 pròiseact soirbheachail ann am faotainn maoineachaidh bhon Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig (GLAIF) 2012 – 2013.

07 An Lùnastal 2012
Bòrd na Gàidhlig ag aithris air an t-soirbheachadh ann an 2011/12 agus a' coimhead air adhart ri 2012/13

Tha Bòrd na Gàidhlig air an Aithisg Bhliadhnail airson na bliadhna ionmhais 2011/12 a chur fa chomhair na Pàrlamaid agus air a foillseachadh an-diugh, a' togail air raon fharsaing de thaic ionmhasail is gnìomhach do choimhearsnachdan, buidhnean agus daoine fa leth air feadh Alba.

01 An Lùnastal 2012
Gàidhlig aig teis meadhan chùisean ann an Summer in the City

Tha Bòrd na Gàidhlig air com-pàirteachas ùr ainmeachadh le companaidh Albannach a tha ainmeil airson cuirmean-ciùil is tachartasan, gus a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig aig prìomh thachartas ciùil ann an Inbhir Nis air a' mhìos seo.

01 An Lùnastal 2012
Bòrd na Gàidhlig a' toirt tabhartas-taice ùr do dh'Fhàs Mòr

Chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo gu bheil Fàs Mòr, an t-ionad cùram-chloinne ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, air gealltanas ùr air maoineachadh £48,000 fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig thairis air an ath thrì bliadhna gus cur ris an obair a tha iad a' dèanamh a thaobh cùram-chloinne Gàidhlig agus gus togail air an obair sin.

31 An t-Iuchar 2012

Air a dealbh le Pelican Design ConsultantsTerms of use