Acadamaidh na Gàidhlig
A' coimhead a dh'ionnsaigh acadamaidh:
1. Carson a tha acadamaidh a dhìth air a' Ghàidhlig?
Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig, a chaidh air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007, a' gealltainn acadamaidh airson "planadh corpais", 's e sin cùisean mun cuairt air a' chànan fhèin mar chainnt, leithid litreachadh, faclan, gràmar, gnàthsan-cainnt, goireasan cànain, taisbeanadh dà-chànanach, agus teicneòlas ùr. Mar a tha an t-eòlaiche mòr Joshua Fishman ag ràdh, tha dà phrìomh sheòrsa planadh cànain ann, planadh inbhe agus planadh corpais – agus tha iad an dlùth-cheangal ri chèile. Tha piseach ann an inbhe na Gàidhlig a' toirt dùbhlan dhan chànan a bhith a' freagairt air cothroman ùra; agus tha leudachadh ann an raointean na Gàidhlig a' cur ris an inbhe a th' aig a' chànan. Tha inbhe a' tighinn bho spàirn coimhearsnachd agus luchd-taic a' chànain, bho Achd na Gàidhlig agus planaichean Gàidhlig aig buidhnean poblach, bho stèisean rèidio agus sianal telebhisein bhon BhBC, agus mar sin air adhart. Ach cuideachd bho chànan as urrainn dhuinn uile bruidhinn agus taisbeanadh le cinnt, le sùbailteachd, le neart, agus le snas; cànan anns an dachaigh no air an duilleig, anns an sgoil no anns an stiùidio.
2. Dè bhios obair na h-acadamaidh a' gabhail a-staigh?
Tha Bòrd na Gàidhlig a' tuigsinn planadh corpais ann an dòigh leathann. Tha am Bòrd an dùil gum bi raon-obrach na h-acadamaidh a cheart cho farsaing. Bidh an raon seo a' suathadh ri cùisean gnàthachaidh, cùisean leasachaidh, agus stuthan taice, agus ga chur am follais le bhith a' craobh-sgaoileadh iùl agus fios agus comhairle.
Tha gnàthachadh a' gabhail a-staigh leithid litreachadh, briathrachas, ainmean, agus gràmar:
Ciamar a sgrìobhas sinn am facal seo?
Dè am facal a th' air an rud sin?
Dè an t-ainm ceart a th' air a' bhaile ud?
Ciamar a thèid seantans a chur ri chèile airson cleachdadh foirmeil?
Tha leasachadh a' gabhail a-staigh leithid faclan ùra, stoidhlean, dealbhadh, agus eadar-theangachadh:
Dè chanas sinn ri siud?
Dè an ìre cainnte a tha freagarrach airson sin?
Ciamar a chuireas sinn dà chànan an sàs an seo?
Cò gheibh sinn airson Gàidhlig no Beurla a chur air?
Tha taic a' gabhail a-staigh stuthan airson faclaireachd, oideachadh, taic theicneòlach, agus dualchas 's eachdraidh cànain:
Càit am faigh sinn am facal coitcheann?
Ciamar a dh'ionnsaicheas sinn cainnt an latha an-diugh?
Dè an cuideachadh a gheibh sinn bhon choimpiutair?
Ciamar a chuireas sinn ri beairteas na Gàidhlig againn?
Cuin a bha Gàidhlig làidir san àite?
3. Cò dha a bhios an acadamaidh?
Dhuinn uile, ma tha gnothach idir againn ris a' chànan. Buailidh na molaidhean air a' Ghàidhlig a gheibh sinn air an duilleig, air an sgrion, agus sa chluais. Bidh iad a' cuideachadh le conaltradh a tha soilleir agus sùbailte dha na h-uile. Tha seo cudromach do dhuine sam bith a bhios a' conaltradh dhan phoball, gu h-àraidh dhan t-sluagh a-mach às an sgìre aca fhèin; tha e cudromach do luchd-teagaisg agus do chraoladairean, cudromach do bhuidhnean a' tabhann seirbheis no bathar, cudromach do luchd-dealbhaidh phostairean 's phannalan, cudromach do dh'ùghdaran 's do dh'eadar-theangairean. Agus mar sin air adhart.
4. Am bi an acadamaidh a' cumail chlasaichean?
Cha bhi. Gu mì-fhortanach, tha dà chiall air "acadamaidh cànain" a-nis. Nuair a bhios luchd planadh cànain mar Bhòrd na Gàidhlig a' bruidhinn air acadamaidh, 's e tha iad a' ciallachadh, structar airson planadh corpais a thoirt air adhart. Ach chithear cuideachd "acadamaidh cànain" ga thoirt mar ainm air sgoil chùrsaichean cànain. Chan e sin an seòrsa acadamaidh a tha fa-near dhuinn.
"Ullaichidh Bòrd na Gàidhlig an structar as freagarraiche airson acadamaidh Ghàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig iomchaidh agus cunbhalach."
Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-2012, d35
5. Nach eil a' Ghàidhlig iomchaidh gu leòr mar-thà? Carson a bhiodh sinn airson cànan beairteach atharrachadh?
Gun teagamh tha a' Ghàidhlig beairteach, mar a bhiodh dùil le cànan le eachdraidh cho àrsaidh agus dualchas cho luachmhor. Ach chan eil cànan beò ann nach bi a' sìor atharrachadh leis gach nì no smuain ùr a thig a rathad, agus leis gach car a thèid a chur ann leis na h-ealain agus nòsan ùra. Chan i a' cheist, am bi atharrachadh ann, ach dè an cùrsa a ghabhas an t-atharrachadh. Bidh an acadamaidh aig an stiùir airson cuideachadh leis a' Ghàidhlig an t-adhartas as fheumaile a dhèanamh, gu math a luchd-cleachdaidh agus a luchd-ionnsachaidh agus gu math a' chànain fhèin.
6. Nach eil an cànan cunbhalach gu leòr cheana? Carson nach fhaod daoine a' chainnt ionadail aca fhèin a bhruidhinn?
Ged a bha dualchainntean riamh ann, agus gum bi diofraichean sa chainnt gu bràth, tha uiread a dh'aonachd anns a' Ghàidhlig 's nach eil na diofraichean idir cho mòr sin. Ach an dèidh sin, tha feum air dòighean coitcheann air a' Ghàidhlig a chur an cèill, agus mar as fhoirmeile an suidheachadh, 's ann as cudromaiche a bhios e gum bi an stoidhle a' freagairt air a h-uile duine. Agus cuideachd a-nis gum bi a' Ghàidhlig a' freagairt air teicneòlas a thogas no a ghineas cànan. Tha tòrr obrach ga dhèanamh mar-thà air mar a bhios innealan mar choimpiutairean a' cuideachadh luchd na Gàidhlig le sgrìobhadh agus eadar-theangachadh, agus a' faighinn lorg air facal no abairt. Ach coltach ri soidhnichean agus sanasan, feumaidh innealan cainnt shìmplidh, shoilleir, choitcheann. Agus feumaidh na th' ann de dh'fhaclan agus mar a thèid an cur an lùib a chèile a bhith air an comharrachadh gu h-eileagtronaigeach mus cuirear Gàidhlig an gnìomh ann an goireasan nuadha.
7. Chan eil feum aig a' Bheurla air acadamaidh. Carson a tha a' Ghàidhlig eadar-dhealaichte?
Chan i a' Ghàidhlig a tha eadar-dhealaichte, ach a' Bheurla. Tha structar mar acadamaidh na àbhaist aig cànan oifigeil, beag no mòr. Tha eachdraidh fhada a-nis aig acadamaidhean, suas dhan latha an-diugh: mar eisimpleir chaidh Acadamaidh Arabais Israel a stèidheachadh le Pàrlamaid Israel ann an 2007. Ged nach eil acadamaidh aig a' Bheurla, chan eil sin ri ràdh nach eil planadh corpais aice. Ach leis cho làidir 's a tha an cànan san eaconamaidh eadar-nàiseanta agus ann an gnìomhachasan cultarach agus teicneòlach, tha co-dhùnaidhean a bheir buaidh air a' Bheurla gan dèanamh a h-uile latha le buidhnean poblach agus prìobhaideach ann an diofar dhùthchannan. Tha de neart aig a' Bheurla seasamh ri caochladh bheachdan gus an socraich an gnìomhachas no na meadhanan air an fhreagairt as fheàrr leotha. Ach chan eil cànanan eile cho fortanach, agus tha Bòrd na Gàidhlig a' faicinn cothrom barrachd guth a thoirt dhan choimhearsnachd fhèin sa chùis. Le com-pàirt coimhearsnachd agus acadaimeagaich (a tha iad fhèin mar phàirt dhen choimhearsnachd) agus buidhnean a bhios gam frithealadh, bidh aonta ga ruigsinn nas luaithe agus le barrachd neirt agus inbhe ga cur ris a' chànan.
8. Am bi an acadamaidh coltach ris a h-uile acadamaidh planaidh eile?
Cha bhi. Tha gach acadamaidh eadar-dhealaichte, le diofraichean mòra nam measg. Tha cuid gu mòr airson cànan a chumail dìleas dha freumhan, cuid airson inbhe a litreachais a thogail, cuid airson co-òrdanachadh air toirt a-steach fhaclan eadar-nàiseanta, agus mar sin. Bidh a' Ghàidhlig ag iarraidh acadamaidh a bhios a' freagairt oirre fhèin agus air a coimhearsnachd, agus a bhios a' gabhail cothrom air an teicneòlas ùr a tha ri làimh a-nis. Cha bhi a mac-samhail ann.
"Acadamaidh … gus planadh corpais a thòiseachadh agus a cho-òrdanachadh. Bidh seo a' sgrùdadh agus a' measadh atharrachaidhean anns a' chànan agus a' co-òrdanachadh cruthachadh agus cur an gnìomh cruthan a tha ùr agus ceart sa Ghàidhlig."
Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007-2012, d47
9. Bha pròiseactan ann a thug sùil air cuid dhe na rudan seo mar-thà. A bheil an obair sin a-nis gun fheum?
Chan eil. 'S ann a bhios an acadamaidh a' togail air an t-sàr obair a th' air a bhith ann agus a th' ann fhathast. Bidh an acadamaidh a' co-òrdanachadh na h-obrach agus a' dèanamh cinnteach gu bheil am bunait math a th' ann a' freagairt air feumannan a' chànain an-diugh agus a rèir iarrtas na coimhearsnachd. Lìonar na beàrnan, agus thèid na th' ann ùrachadh agus a leudachadh ma bhios sin iomchaidh. Bidh raon na h-acadamaidh a' gabhail a-staigh pròiseactan a tha a' dol air adhart mar-thà, ged nach eil cinnt fhathast dè dìreach an dàimh a bhios aca ris an structar aice. Pròiseactan mar Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig (GOC) airson stiùireadh air litreachadh, Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) airson clàr-àite nàiseanta agus iùl a thaobh ainmean-àite, An Seotal airson briathrachas ann an teacsaichean sgoile, faclair Pàrlamaid 's riaghaltas ionadail, an co-fhaclair T-rex, agus spell-checker An Dearbhair le TELI airson Bòrd na Gàidhlig, siostam catalogaidh Dewey sa Ghàidhlig aig an Scottish Library and Information Council (SLIC), Faclair na Gàidhlig airson eachdraidh nam faclan, Am Faclair Beag airson faclair Dwelly agus eisimpleirean eile cainnte, stòr-dàta Bòrd na Gàidhlig luchd-eadar-theangachaidh, bathar-bog cuimhne eadar-theangachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, eadar-aghaidh Gàidhlig airson brobhsairean aig Akerbeltz, foillseachaidhean an Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, agus mòran eile.
10. Dè bhios an acadamaidh ag iarraidh airson a' chànain?
Tha Bòrd na Gàidhlig an dùil gum bi an acadamaidh ag obair air modh saidheansail a' gabhail a-staigh feart air cleachdadh an t-sluaigh, a' cothromachadh beachdan air mar bu chòir a bhith, le fios air mar a tha an da-rìribh. Feumar cumail fa-near ceistean mar fhreagarrachd air taisbeanadh dà-chànanas, furastachd gu ionnsachadh agus cunbhalachd ann an riaghailtean, ach gun a bhith call brìgh, sùbailteachd agus roghainn sa chànan.
11. Cò bhios a' dèanamh co-dhùnaidhean na h-acadamaidh?
Tha dùil gur iad an acadamaidh fhèin, taghadh de dh'fhileantaich fhiosrach à acadaimia, foghlam, craoladh agus na ciùirdean 's ealain sgrìobhaidh. Bidh iad air an cuideachadh le luchd-obrach le trèanadh no eòlas sònraichte air gnothaichean cànain. Cha bu chòir eagal a bhith air an acadamaidh comhairle a chur ri eòlaichean gun Ghàidhlig nuair a bhios cobhair a dhìth. Agus bidh feum air cladhan airson beachdan agus eòlas an luchd-cleachdaidh chorporra air na bhios a dhìth san obair aca.
12. Tha a' Ghàidhlig prìseil leam; ach an èist an acadamaidh ris na beachdan agamsa?
Is cinnteach gun èist. Ann an seagh, bidh sinn uile mar phàirt dhen acadamaidh. Chan eil feum air co-dhùnaidhean, ge b' e dè cho "ceart" no cho "math" 's a dh'fhaodadh iad a bhith, mura gabh muinntir a' chànain riutha. Tha teicneòlas ùr a' toirt cothrom dhan acadamaidh a bhith a' cur comhairle ris a' choimhearsnachd air feadh a h-obrach, agus tha Bòrd na Gàidhlig a' sùileachadh gur e sin a thachras. Còmhla ri eòlaichean ann an cànan agus coimpiutaireachd, tha am Bòrd a' coimhead air dè an dòigh as èifeachdaiche agus as cothromaiche air seo a dhèanamh tron eadar-lìon. Chan e 's nach biodh agus nach bu chòir buaidh nas motha a bhith aig na daoine as fhileanta sa chainnt no as fhaisge air a' chuspair a tha fa-near, ach gum bi guth aig càch cuideachd. Bu chòir cothrom a bhith ann mar an ceudna gus beachdachadh air co-dhùnaidhean na h-acadamaidh an dèidh làimhe, le ùine airson faicinn mar a thèid dhaibh aon uair 's gu bheil iad air am feuchainn an gnìomh.
13. Tha seo uile glè mhath; ach cosgaidh e airgead. Ciamar a thèid pàigheadh airson na h-acadamaidh?
Cha tig piseach saor 's an-asgaidh, ach chan eil airgead na phailteas nas motha, agus tha feum aig planadh inbhe agus togail air cuibhreann mòr dhen mhaoin bho Bhòrd na Gàidhlig agus eile. Cha tig a h-uile nì a bu mhath le daoine sa bhad, ach cha bhi an acadamaidh a' tòiseachadh bhon fhìor thoiseach. Tha mar-thà daoine ag obair gu proifeiseanta ann am planadh corpais na Gàidhlig, tha meall ghoireasan ann no gan ullachadh, agus tha rannsachadh ga dhèanamh. Sin cosgaisean a th' ann cheana, agus le bhith a' stiùireadh a leithid a dh'ionnsaigh amasan na h-acadamaidh, bidh ceum mòr tòiseachaidh ga ghabhail gun chosgais shusbainteach ùr. Airson cosgaisean ruith a chumail cho ìosal 's a ghabhas agus airson dùblachadh a sheachnadh, tha am Bòrd a' coimhead ri dòigh air feum a chur air structar no structaran a th' ann mar-thà airson dleastanas na rianachd agus a' cho-luadair a ghiùlan.
14. Tha seo uile glè inntinneach leam. Ciamar as urrainn dhomh mo bheachdan a thoirt seachad air na planaichean airson acadamaidh?
Bidh Bòrd na Gàidhlig a' cur comhairle ris a' phoball ann an 2012 leis na planaichean aige airson acadamaidh cànain. Cuiridh sin fàilte agus luach anns na beachdan agaibh an uair sin, ach san eadar-àm faodaidh sibh cuideachd beachdan air dè bu mhath leibhse fhaicinn ann an acadamaidh Ghàidhlig a chur gu Manaidsear Rannsachaidh agus Planadh Corpais a' Bhùird, Peadar Morgan, aig peadar@gaidhlig.org.uk.
