Ealain_Ghaidhlig

Ealain Ghàidhlig - Gabhaibh pàirt annta

Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach a thaobh solarachadh taic do dh’ealain agus cultar Gàidhlig traidiseanta agus nua-aimsireil. Tha am Bòrd a’ tuigsinn gu bheil mòran daoine air an tarraing gu ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain tro bhith ag inntrigeadh agus a’ com-pàirteachadh ann an diofar chruthan de dh’ ealain Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach ceòl, òran, dannsa, dràma agus litreachas.

Tachartasan

Tha grunn fhèisean is thachartasan ann an clàr-ama ealain na h-Alba a bhios a’ cur taic ri luchd-ealain Ghàidhlig agus a’ tarraing luchd-labhairt Gàidhlig agus luchd-taic bhon taigh agus bho thall thairis. Am measg nan tachartasan sin tha:

  • Am Mòd Nàiseanta Rìoghail – An fhèis Ghàidhlig as motha agus as sine; tha am Mòd air a chumail ann am meadhan na Dàmhaire gach bliadhna agus ag atharrachadh àite gach bliadhna. 2011 – Steòrnabhagh. 2012 – Dùn Omhain. 2013 – Pàislig.
  • Blas – Air a cumail gach Sultain ann an àiteachan air feadh na Gàidhealtachd, tha Fèis Blas a’ comharrachadh cultar na Gàidhealtachd agus luchd-ealain bhon choimhearsnachd gu luchd-ealain proifeiseanta.
  • Pìobaireachd Beò (Piping Live) – Prìomh fhèis pìobaireachd air a cumail ann an Glaschu san Lùnastal.
  • Fèisean nan Gàidheal – Ag adhartachadh ’s a’ leasachadh còrr agus 40 fèis teagaisg ealain Ghàidhlig stèidhichte sa choimhearsnachd tron bhliadhna air feadh Alba.
  • Celtic Connections – Prìomh fhèis ciùil a’ gheamhraidh ann an Alba. Air a cumail ann an Glaschu agus a’ nochdadh nan taisbeanaidhean stèidse as fheàrr le daoine agus an tàlant ùr as fheàrr, ann an còrr agus 200 tachartas thar 19 làithean.
  • Fèis Ceilteach Innse Gall – Air a cumail ann an Innse Gall san Iuchair, tha an fhèis seo fìor mhath do gach aois aig a bheil ùidh ann an ceòl Ceilteach agus òrain.
  • Ceòlas -  Seachdain làn ceòl, dannsa, càirdeas is  spòrs ann an Uibhist gach samhradh.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh àireamh de bhuidhnean Gàidhlig gus ealain Ghàidhlig a leasachadh ’s a liubhairt. Tha iad sin a’ gabhail a-steach:

Gus ealain agus cultar Gàidhlig adhartachadh ’s a bhrosnachadh ann an Alba, tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le prìomh bhuidhnean roinneil is nàiseanta eile a’ gabhail a-steach:

Air-loidhne

Tha fada cus bhuidhnean, goireasan agus luchd-ealain ann gus an liostadh an seo. Airson liosta nas mionaidiche, tadhailibh air: Ealain Ghàidhlig  agus faodaidh sibh tuilleadh fhaighinn a-mach aig làrach Bòrd na Gàidhlig no làrach Alba Chruthachail.

Oifigear Cultair & Ealain Ghàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail a’ co-mhaoineachadh dreuchd an Oifigear Ealain is Cultair. Tha obair nan oifigearan a’ cuimseachadh air liubhairt agus ath-nuadhachadh Ro-Innleachd nan Ealan Ghàidhlig a thuilleadh air a bhith a’ cumail ceangal ri agus a’ toirt na feum as fheàrr à cothroman do luchd-ealain agus do bhuidhnean aig a bheil ùidh ann an adhartachadh nan ealan Ghàidhlig ann an Alba agus thall thairis.

Mas e neach-ealain no buidheann a th’ annad aig a bheil ùidh ann an toradh ealain Ghàidhlig, cuiribh fios gun Oifigear Ealain is Cultair Gàidhlig airson barrachd fiosrachaidh.

Brian Ó hEadhra
Oifigear Ealain & Cultar | Gaelic Arts & Culture Officer
Bòrd na Gàidhlig & Alba Chruthachail | Creative Scotland
Darach, Fèith nan Clach, Inbhir Nis, IV2 7PA
Fòn: 01463 225454
Fòn-làimh: 07500 027578
Facs: 01463 716217
Post-d

Leig a-nuas


You may need an Acrobat reader to read some of the PDF files above, click here to download the reader from Adobe