Foghlam Gàidhlig

'S e prìomhachas a th' ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus 's e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh'Fhoghlam Gàidhlig ullachadh.

Àireamhan

'S e foghlam aon de na roinnean far a bheil piseach nach beag air fhaicinn thar nam bliadhnaichean a dh'fhalbh agus tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh togail air an t-soirbheas seo. Tha àireamh nan sgoilearan a tha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile air a dhol an-àirde bho 24 ann an 1985 gu 2418 sa bhliadhna sgoile 2011/2012. Anns na sgoiltean-àraich Gàidhlig aig na comhairlean, bha 730 pàiste sa bhliadhna sgoile 2011/2012.

Nuair a thig e chun na Gàidhlig mar chuspair bha 1,104 fileantach a' gabhail na Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil sa bhliadhna 2011/2012 agus 2,643 neach-ionnsachaidh ga gabhail san aon bhliadhna. Uile gu lèir tha 3747 sgoilearan àrd-sgoile ann an clasaichean Gàidhlig.

Tha an àireamh de dh'oileanaich ann am foghlam Gàidhlig no a tha a’ dèanamh cùrsa Gàidhlig aig àrd-ìre air a dhol an-àirde aig an ìre seo cuideachd.    

Foghlam Àrd-ìre is Inbhich

A bharrachd air foghlam sgoile agus ro-sgoile tha Foghlam aig Àrd-ìre gu math cudromach agus tha grunn chùrsaichean rim faotainn ann an colaistean agus oilthighean na h-Alba far a bheil a' Ghàidhlig mar phàirt dhiubh.
Ann an cuid de cholaistean gheibhear cùrsaichean a tha tro mheadhan na Gàidhlig air fad, mar Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach is Colaisde a' Chaisteil ann an Leòdhas.

Cuideachd, tha ceuman ann an Ceiltis is Gàidhlig rim faotainn aig Oilthighean Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obar Dheathain agus a' Ghàidhlig aig an cridhe.

Tha cùrsaichean teagaisg ann mar a gheibhear ann an Oilthigh Shrath Chluaidh, Oilthigh Obar Dheathain agus UHI far a bheilear a' trèanadh thidsearan Gàidhlig.

Tha pailteas chothroman ann ma tha inbheach ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, agus buidhnean mar Chlì Gàidhlig gu mòr an sàs san obair seo. Tha gu leòr chùrsaichean fèin-teagaisg ann agus tha cùrsaichean aig astar ann, a bharrachd air grunn chlasaichean Gàidhlig air an ruith le diofar dhaoine ann an coimhearsnachdan.

An Dùbhlan

Ged a tha soirbheachadh air a bhith ann a thaobh Foghlam Gàidhlig, tha obair mhòr fhathast ri dhèanamh. Tha duilgheadasan ann leithid gainnead thidsearan, gu sònraichte a thaobh chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig sna h-àrd-sgoiltean, agus dìth stuthan teagaisg ann an cuid de raointean.

Leig a-nuas

Aithisg 2010 Report - GME Choice and Attainment

Aithisg FtG - Gearr-iomradh 2010 Summary Leaflet - GME Report

Bileag Foghlaim