An Ath Cheum

Ma tha sibh air a chur romhaibh gu bheil sibh ag iarraidh a dhol an sàs ann am foghlam Gàidhlig, no tha ma tha sibh airson ur cuid chloinne a chur gu foghlam Gàidhlig, tha grunn bhuidhnean agus làraichean-lìn ann a bheir taic is comhairle dhuibh.


Ma tha ceistean agaibh mu fhoghlam tron Ghàidhlig do chloinn, gheibh sibh freagairtean airson grunn dhiubh air an làrach-lìn Fiosrachadh do Phàrantan.
Ma tha sibh a’ sireadh tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam ro-sgoile, faodaidh sibh bruidhinn ris an Ùghdarras Ionadail agaibh feuch a bheil foghlam Gàidhlig ro-sgoile ri fhaotainn san sgìre agaibh. Faodaidh sibh cuideachd bruidhinn ri aon de na h-oifigearan a th’ aig Bòrd na Gàidhlig a tha dèiligeadh ris na tràth-bhliadhnaichean, a bheir cuideachadh agus comhairle dhuibh.

Agus gheibh sibh fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig san fharsaingeachd bho luchd-obrach a tha an sàs san Sgeama Chomhairleachaidh Phàrant a tha air a ruith le Comann nam Pàrant. Tha fiosrachadh cuideachd mu fhoghlam ro-sgoile ri fhaighinn air làrach-lìn a’ Bòrd na Gàidhlig.

Ma tha sibh a’ lorg tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam bun-sgoile no àrd-sgoile, faodaidh sibh bruidhinn ris an Ùghdarras Ionadail agaibh feuch dè na sgoiltean san sgìre agaibh a tha tabhann foghlam Gàidhlig aig na h-ìrean sin.  A-rithist, gheibh sibh fiosrachadh mu fhoghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile air làrach-lìn a’ Bhùird, agus math dh’fhaodte gu bheil neach bhon Sgeama Chomhairleachaidh Phàrant a’ frithealadh air an sgìre agaibh.

Mas e ’s gu bheil ùidh agaibh ann a bhith teagasg Gàidhlig gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn air an làrach-lìn Teagasg a stèidhich Bòrd na Gàidhlig gus fiosrachadh is comhairle mu theagasg ann an Gàidhlig a thoirt seachad. Ma tha sibh airson Gàidhlig ionnsachadh mar inbheach no ionnsachadh fhaighinn tron Ghàidhlig, tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn air làrach-lìn a’ Bhùird fo Gàidhlig do dh’Inbhich agus Foghlam Àrd Ìre. Cuideachd gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig mar inbheach bho Learn Gaelic agus Clì Gàidhlig. Gheibh sibh fios mu bhith teagasg Gàidhlig do dh’inbhich bho Chlì cuideachd agus Ùlpan.

’S e a th’ anns an ath cheum agaibh, a’ chiad cheum. A’ chiad cheum gu oideachadh agus foghlam ann an cànan a tha brìoghmhor agus uidheamaichte. Cànan a tha na bun-fhreumh de dhualchas na h-Alba agus a tha na snàithlean smiorail de chultar na dùthcha nar linn fhìn. Thig sin agus gach buannachd eile a thig le dà chànan.


Prìomh Fhiosrachadh

‘Gaelic Education: Building on the successes, addressing the barriers’ (Aithisg bho HMiE)


‘Gaelic-medium Education in Scotland: choice and attainment at the primary and early secondary school stages’ (Aithisg air soirbheachadh ann am Foghlam tron Ghàidhlig)

Fiosrachadh do Phàrantan

Far an ionnsaich clann Gàidhlig

Liosta de dh’ùghdarrasan ionadail a tha tabhann Foghlam tron Ghàidhlig


Sgeama Comhairleachaidh Phàrant