Co-Labhairt Cheannardan
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur air dòigh an dara co-labhairt nàiseanta airson ceannardan sgoile air an 23 An Gearran 2012 ann an Glaschu. Bidh cothrom aig ceannardan bho sgoiltean le solar foghlam Gàidhlig tighinn gu aon de na tachartasan, agus ‘s e amas na co-labhairt cothrom a thoirt do ceannardan tighinn còmhla agus beachdachadh air an taic a tha dhìth gus leasachadh a dhèanamh ann an foghlam Gàidhlig agus gus taic phractaigeach a thoirt do sgoiltean gus seo a dhèanamh. Thèid lìonra steidheachadh cuideachd do cheannardan tro GLOW (http://bit.ly/gaelht1).
Ma tha ùidh agaibh anns an cho-labhairt an lìon sibh a-staigh an foirm clàraidh agus an till sibh e gu Carol NicIain carol@gaidhlig.org.uk.
Glaschu Taigh-Òsta Jurys Diardaoin 23/02/2012
