Foghlam Bun-sgoile
Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile air a dhol am feabhas gu mòr bhon thòisich e sna 1980an agus tha 2,418 sgoilear sna bun-sgoiltean an-dràsta (2011-2012).
Tha 60 aonad is bun-sgoil Gàidhlig ann an Alba, agus tha còrr is 300 sgoilear (an àireamh as motha ann an Alba) ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a-mhàin.
A thaobh na h-àireimh de sgoilearan anns gach bliadhna, 's e adhbhar misneachd a th’ ann gu bheil na h-àireamhan as motha eadar clas a h-aon is clas a ceithir, a rèir nam figearan as ùire. Ged a tha a' chuid as motha de na h-aonadan is sgoiltean sna roinnean comhairle aig Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha feadhainn eile sna bailtean mòra ann an Alba aig deas agus san taobh an ear.
Foghlam Bun-Sgoile
Faodaidh pàiste sam bith a bhith com-pàirteach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig – pàiste sam bith! A rèir fianais, tha clann aig nach eil facal Gàidhlig a’ dèanamh fìor mhath ann am foghlam Gàidhlig seach gu bheil iad air am bogadh sa chànan bhon chiad latha! Tha bogadh sa Ghàidhlig a’ cuideachadh clann a tha fileanta sa chànan cuideachd, oir bidh iad a’ leasachadh agus a’ leudachadh an cuid Gàidhlig.
Sa bhun-sgoil, thathar a’ teagasg gach cuspair tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh sgoiltean a’ dèanamh ceangal ri daoine le Gàidhlig bhon choimhearsnachd cuideachd, gus am bi cothrom aig clann coinneachadh riutha. Agus bithear a’ dèanamh cheanglaichean ri sgoiltean Gàidhlig eile ann an Alba.
Ach a dh’aindeoin gach soirbheachadh, faodar daonnan tuilleadh adhartais a dhèanamh. Tha Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus Bòrd na Gàidhlig ag obair gus dèanamh cinnteach gun cùm Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ fàs aig ìre na bun-sgoile.
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ag obair gus dèanamh cinnteach gum bi na goireasan ann a tha a dhith air foghlam Gàidhlig. Chan ann dìreach gu buannachd nan tidsearan a tha àireamhan nas àirde ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, tha e gu buannachd phàrantan, luchd-fastaidh, gnothachasan, turasachd agus ann an dòigh gu buannachd an eaconamaidh air fad.
