Foghlam Ro-sgoile
Pàrant is Pàiste
Faodaidh a’ chlann a tha beagan nas sine a dhol gu seo agus coinneachadh is cluich còmhla ri clann eile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig. Faodaidh pàrantan a thighinn ann airson cupa cofaidh is cothrom air barrachd Gàidhlig ionnsachadh.
Cròileagain
Faodaidh clann a dhol gu Cròileagan gus a bheil iad aois airson a dhol gu Sgoil-àraich. ’S ann do chloinn suas gu 3 bliadhna a dh’aois a tha Cròileagain agus bidh iad a’ dol don sgoil-àraich nuair a tha iad eadar 3-5 – agus chan eil sin ach toiseach-tòiseachaidh!
Sgoil-àraich
Tha a’ mhòr-chuid de Sgoiltean-àraich fo stiùir nan Ùghdarrasan Ionadail, agus gu math tric tha iad ceangailte ri sgoil a tha a’ tabhann foghlam Gàidhlig.
Chan e a-mhàin gu bheil foghlam ro-sgoile a’ frithealadh air feumalachdan foghlaim ur pàiste, bidh spòrs is plòigh gu leòr ann, agus tha e cuideachd gan stiùireadh agus iad a’ cur eòlas is a’ gabhail beachd air an t-saoghal airson a’ chiad uair ann an suidheachaidhean air leth iomchaidh. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ frithealadh air gach feum sin, agus a bharrachd air an sin gheibh iad na buannachdan a thig le bhith ag ionnsachadh cànan eile, agus bheir sin bun-stèidh dhaibh gus cànanan eile ionnsachadh!
Mar as òige a tha clann, ’s ann as fheàrr nuair a thig e gu bhith ag ionnsachadh chànanan. Bidh iad ag ionnsachadh nas luaithe na a’ mhòr-chuid de dh’inbhich agus bidh iad ann an àrainneachd air leth freagarrach airson ionnsachadh.
Chan fheum Gàidhlig a bhith aig a’ phàiste no aig na pàrantan airson clàradh ann am foghlam ro-sgoile Gàidhlig!!
Gheibh ur pàiste buannachd bho bhith ag ionnsachadh cànan eile agus chan eil roghainn nas fheàrr ann an Alba na Gàidhlig. Thoiribh dhaibh comas air cànanan agus bidh iad deiseil airson tuilleadh ionnsachadh! Cuiribh fios gu ur n-ùghdarras ionadail agus chì sibh dè na seirbheisean a th’ aca do ur pàiste.
