Carson Gaidhlig?
Cuid de na buannachdan an lùib Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig:
- Tha rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann o chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil clann ann am foghlam Gàidhlig a’ dèanamh cho math no nas fheàrr na clann a tha air an oideachadh ann an aon chànan a-mhàin.
- Faodaidh clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith fileanta ann an dà chànan, agus cuidichidh sin iad le bhith ag ionnsachadh chànanan eile.
- Tha cothrom aig daoine le dà chànan air litreachas, agus barrachd cothrom air sealladh is farsaingeachd an dà chànain.
- Tha tuigse nas fheàrr aig daoine le Gàidhlig agus Beurla air mar a bhuineas iad do dhualchas na h-Alba.
- Tha dà-chànanas a’ tairgsinn tòrr a bharrachd chothroman obrach.
- Tha clann a tha air am bogadh ann an cànanan eadar-dhealaichte aig aois òg buailteach a bhith nas comasaiche, na tha daoine aig nach eil ach aon chànan, nuair a thig iad gu bhith ri iomadh gnìomh aig an aon àm.
- Tha daoine le dà chànan nas fheàrr air leughadh, agus san fharsaingeachd tha e nas fhasa dhaibh cànanan eile ionnsachadh.
