Ionnsachadh mar Inbheach
Ged a tha foghlam chloinne air leth cudromach do chor na Gàidhlig, tha an àireamh de dh'inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a cheart cho cudromach agus tha tòrr luchd-ionnsachaidh air obair ionmholta a dhèanamh ann a bhith a' gleidheadh a' chànain, 's tha iad cuideachd a' cur gu mòr ri cultar is iomadachd saoghal na Gàidhlig. Bu chòir cuimhneachadh gun robh còrr is 34,000 duine sa Chunntas-sluaigh mu dheireadh (2001) a bha comasach air Gàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn. Ma thèid againn air leth dhiubh a thoirt gu fileantas, bheir e buaidh mhòr air adhartachadh na Gàidhlig.
Tha pailteas chothroman ann do dh'inbhich a' Ghàidhlig ionnsachadh, air feadh Alba, agus tha buidhnean mar Clì Gàidhlig 's ionadan ionnsachaidh gu mòr an sàs ann a bhith a' teagasg na Gàidhlig do dh'inbhich. Tha clasaichean còmhraidh is inntrigidh rim faotainn sa choimhearsnachd agus tha cuid a dh'àiteachan a' lìbhrigeadh chùrsaichean tòiseachaidh is eile sa Ghàidhlig. Tha gu leòr de chùrsaichean fèin-theagaisg agus cùrsaichean aig astar rim faotainn cuideachd - tha cùrsa inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a thathar a' lìbhrigeadh aig astar agus tha daoine bho air feadh an t-saoghail a' dèanamh feum dheth. Siuthadaibh, togaibh facal no dhà dhen Ghàidhlig agus ann an ùine nach bi fada bidh sibh nur pàirt de shaoghal na Gàidhlig - saoghal beothail, brìoghmhor a tha a' toirt smior do dhualchas na h-Alba.
