Planaichean Gàidhlig

Fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, 's ann air Bòrd na Gàidhlig a tha an t-uallach airson comharrachadh ùghdarrasan poblach a dh'fheumas Planaichean Gàidhlig a dheasachadh. Tha na buidhnean sin riatanach do bheatha phoblach na h-Alba, agus tha prìomh àite aca ann an leasachadh na Gàidhlig. Aig an àm seo tha 13 Phlanaichean Gàidhlig air an aontachadh. Tha 21 ùghdarrasan poblach a' deasachadh Phlanaichean Gàidhlig agus thathar an dùil gun iarrar air ochd eile a dh'aithghearr a thòiseachadh ag ullachadh nam planaichean acasan.

Plànaichean Aonaichte

Bidh na Planaichean seo a' togail air rùintean a' Phlana Nàiseanta, agus bheir iad cothrom nas trice do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig air cuid de sheirbheisean poblach anns a' chànan a thaghas iad. Thathar a' sùileachadh cuideachd gum bi ùghdarrasan a tha ag ullachadh planaichean a' brosnachadh daoine gus Gàidhlig a chleachdadh nuair a bhios iad a' dèiligeadh riutha, agus gum bi iad a' leudachadh seirbheisean agus goireasan Gàidhlig na buidhne aca.'S e pàipear oifigeil a tha anns an Stiùireadh seo agus tha e a' treòrachadh buidhnean poblach mun dòigh as fheàrr Planaichean Gàidhlig a dheasachadh.