Rannsachadh na Gàidhlig
Ma tha buaidh a' dol a bhith aig planadh cànain air cor agus cleachdadh na Gàidhlig, feumaidh fios a bhith aig an fheadhainn a tha an urra ris an obair seo dè dìreach an suidheachadh a th' ann. Feumaidh fios a bhith aca cuideachd a bheil na gnìomhan aca ag obair mar a bha iad an dùil. Agus aig a' cheann thall, feumaidh fios a bhith aca dè a' bhuil a bh' aig an obair nuair a tha pròiseact no iomairt seachad. Mura bi fios aca, dh'fhaodadh iad ùine agus airgead a chosg gun bhuaidh dha rèir a thoirt air math a' chànain. Dh'fhaodadh iad cothroman ùra a chall. Dh'fhaodadh iad fiù 's cron a dhèanamh gun fhiosta.
'S ann tro rannsachadh agus sgrùdadh a gheibh luchd planadh cànain mar Bhòrd na Gàidhlig fios air na rudan seo. Agus tha saoghal na Gàidhlig air a bhith fortanach gu bheil barrachd agus barrachd ùidh agus cuimse air a bhith ga chur anns a' Ghàidhlig le luchd-rannsachaidh ann an Alba agus timcheall an t-saoghail. Thòisich seo le sgrùdadh air a' chànan agus a chultar bho chionn iomadh bliadhna, ach tha seo air leudachadh gu bhith a' gabhail a-staigh gach raon de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig. Chithear seo bhon chlàr sgrìobhaidhean air sòisio-chànanachas agus poileasaidh na Gàidhlig a tha air a chumail suas le Oilthigh Dhùn Èideann, agus a tha ri fhaighinn air an duilleig seo.
Tha lìonra nàiseanta rannsachaidh ann a-nis, Soillse, le maoineachadh tòiseachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus na ceithir oilthighean a tha an sàs. Tha Soillse a' togail air a' bhunait a th' ann gus barrachd co-òrdanachaidh agus comasachd a chur ann an rannsachadh a tha gu feum an-dràsta gu poileasaidh poblach dhan Ghàidhlig, agus bidh e a' freagairt tòrr dhe na feumalachdan rannsachaidh aig a' Bhòrd. Ach bidh am Bòrd a' dol nas fhaide na Soillse airson a fheumalachdan nuair a dh'fheumas, agus a' toirt coimiseanan eile do luchd-rannsachaidh, sna h-oilthighean no neo-eisimeileach, airson sgrùdadh a tha cudromach dha a obair. Mura h-eil adhbhar sònraichte leithid dìon dàta gun na toraidhean a thoirt am follais, bidh na h-aithisgean a' dol air làrach-lìn a' Bhùird airson toirt a-nuas saor 's an-asgaidh.
Bidh am Bòrd a' co-obrachadh le buidhnean sgrùdaidh as urrainn cur ri ar n-eòlas air a' Ghàidhlig agus air a coimhearsnachd cànain. Mar eisimpleir, tha am Bòrd air obrachadh gu dlùth ri Oifis Choitcheann a' Chlàraidh airson Alba air ceistean agus lìbhrigeadh na Gàidhlig ann an Cunntas-sluaigh na h-Alba agus air taisbeanadh nan toraidhean. Bidh am Bòrd cuideachd a' cumail taic ri riarachadh fios le tabhartasan beaga a chumas taic ri rannsachadh, foillseachadh agus deasbad.
Gheibhear aithisgean airson rannsachadh a tha a-nis air am foillseachadh gu h-ìosal. Air ùrachadh 16 An t-Iuchar 2012.
Leig a-nuas
Dàta Foghlaim 2011-12 Am Follais Gàidhlig.pdf
Sgèilichean Fileantachd 2012 Gàidhlig
Cor na Gàidhlig ann an Siabost
Clar Rannsachaidh Oilthigh Dùn Èideann Mart 2011 - le notaichean
Clar Rannsachaidh Oilthigh Dùn Èideann Mart 2011 - Beurla
Barail a Phobaill air Gaidhlig 2011 - Beurla
Data Foghlaim 2010-11 - Gaidhlig
Data Foghlaim 2010-11 - Beurla
Barail Luchd-sgithidh air Gaidhlig 2010 - Beurla
Anailis Staitistigs Foghlaim 2006-10 2010 - Beurla
Geamannan Eileagtronaigeach 2011 - Beurla
Taghadh agus Coileanadh FtG 2010 - Gearr-iomradh Gaidhlig
Taghadh agus Coileanadh FtG 2010 - Beurla
Bileag air Coileanadh FtG 2010 - Gaidhlig agus Beurla
Aithisg: Gaidhlig do Inbhich 2010
GDI Gaidhlig do Inbhich 2010 - Beurla
Teicneolas Leasachadh Corpais 2009 - Beurla
Measadh air Proiseactan Bòrd na Gàidhlig 2009 - Beurla
Barail Oilthigh Ghlaschu air Gaidhlig 2010 - Gaidhlig
